Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Baile Lùib, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_1088
ÀITE
An Lùib
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10964
KEYWORDS
dealbhadaireachd-camara
togail dhealbhan
A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan
eachdraidh shòisealta
croitean
clachanan
buailidhean
buailtean
beanntan
taighean tughaidh
tughadh
sgrathan
taighean croite
croitean
rathaidean
eileanan
Township of Luib, Skye

Tha seann bhaile croitearachd Lùib na laighe air tràigh Loch Aineirt air cost an ear an Eilein Sgitheanaich. Tha e a' sgaoileadh tarsainn air lùb sa rathad mhòr, an A850, a' dol bho Chaol Àcain gu ruige Port Rìgh. Chaidh an rathad seo a thogail mu thràighean an loch gus nach biodh feum air a' bheinn os cionn an Dùnain a shreap. An toiseach bha 24 togalaichean tughaidh sa bhaile, agus na gàrraidhean, cuairteachaidhean agus an gàrradh-cinn a bha nan cois. An-diugh tha a' chuid as motha de na taighean-tughaidh air an sglèatadh, ach tha taigh-tughaidh no dhà ann fhathast. 'S ann on chiad leth den 20mh linn a tha an dealbh seo de Lùib, agus beanntan a' Chuilthinn Deirg air a chùlaibh.

Rugadh an tè a thog an dealbh, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. 'S e fear de na sgìrean a b' fheàrr leatha Rubha Àird nam Murchan agus b' ann an sin, ann an Sanna, a rinn i dachaigh ann an 1927.

Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchas agus eachdraidh shòisealta na Gàidhealtachd a tuath is an iar. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' a dhà de na leabhraichean as ainmeile aice agus 's e na dealbhan-camara aice fhèin a tha san dà leabhar. Bhàsaich i ann an taigh-altraim ann an Dun Èideann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Baile Lùib, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

20l

dealbhadaireachd-camara; togail dhealbhan; A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan; eachdraidh shòisealta; croitean; clachanan; buailidhean; buailtean; beanntan; taighean tughaidh; tughadh; sgrathan; taighean croite; croitean; rathaidean; eileanan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection