Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Cuiltheann Dearg, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_1090
ÀITE
Cuiltheann Dearg
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10966
KEYWORDS
dealbhadaireachd-camara
togail dhealbhan
A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan
eachdraidh shòisealta
beanntan
An Cuiltheann
beanntan a' Chuilthinn
creagan
sreap
luchd-sreap
talamh-eòlas
Red Cuillin, Skye

Chaidh an dealbh seo de bheanntan a' Chuilthinn Dheirg san Eilean Sgitheanach, air fhaicinn bhon tràigh, a thogail le camara le M.E.M. Donaldson sa chiad leth den 20mh linn.

Tha daoine a' creidsinn gur ann on t-sealgair ainmeil Èireannach, Cù Chulainn, a thàinig ainm a' Chuilthinn. Thàinig esan dhan Eilean o Èirinn ann an dà shìnteig, tha e coltach. 'S e clach-ghràin ruadh a th' anns a' Chuiltheann Dhearg dhan ear agus tha coltas nas cruinne air na beanntan sin, ach 's ann o chloich 'gabbro', chach-theine bhiorach, a tha an Cuiltheann Dubh air a bheil coltas uabhasach, annasach. 'S ann air na beanntan seo a gheibhear sreap cho doirbh 's a th' ann an Alba. 'S i a' bheinn as motha dhiubh Sgurr Alasdair a tha 3258tr a dh' àirde.

Rugadh an tè a thog an dealbh, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. 'S e fear de na sgìrean a b' fheàrr leatha Rubha Àird nam Murchan agus b' ann an sin, ann an Sanna, a rinn i dachaigh ann an 1927.

Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchas agus eachdraidh shòisealta na Gàidhealtachd a tuath is an iar. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' a dhà de na leabhraichean as ainmeile aice agus 's e na dealbhan-camara aice fhèin a tha san dà leabhar. Bhàsaich i ann an taigh-altraim ann an Dun Èideann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Cuiltheann Dearg, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

20l

dealbhadaireachd-camara; togail dhealbhan; A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan; eachdraidh shòisealta; beanntan; An Cuiltheann; beanntan a' Chuilthinn; creagan; sreap; luchd-sreap; talamh-eòlas

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection