Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-tughaidh agus Crodh Gàidhealach, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_1091
ÀITE
Cuiltheann Dearg
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10967
KEYWORDS
dealbhadaireachd-camara
togail dhealbhan
A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan
eachdraidh shòisealta
beanntan
An Cuiltheann
beanntan a' Chuilthinn
creagan
taighean tughaidh
tughadh
sgrathan
taighean croite
croitean
crodh
Thatched cottage with Highland cattle, Skye

Chaidh an taigh tughaidh seo san Eilean Sgitheanach agus Crodh Gàidhealach air a bheulaibh, a thogail le camara le M.E.M. Donaldson sa chiad leth den 20mh linn. Tha beanntan a' Chuilthinn Dheirg ri fhaicinn astar air falbh.

Tha daoine a' creidsinn gur ann on t-sealgair ainmeil Èireannach, Cù Chulainn, a thàinig ainm a' Chuilthinn. Thàinig esan dhan Eilean o Èirinn ann an dà shìnteig, tha e coltach. 'S e clach-ghràin ruadh a th' anns a' Chuiltheann Dhearg dhan ear agus tha coltas nas cruinne air na beanntan sin, ach 's ann o chloich 'gabbro', chach-theine bhiorach, a tha an Cuiltheann Dubh air a bheil coltas uabhasach, annasach. 'S ann air na beanntan seo a gheibhear sreap cho doirbh 's a th' ann an Alba. 'S i a' bheinn as motha dhiubh Sgurr Alasdair a tha 3258tr a dh' àirde.

Rugadh an tè a thog an dealbh, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. 'S e fear de na sgìrean a b' fheàrr leatha Rubha Àird nam Murchan agus b' ann an sin, ann an Sanna, a rinn i dachaigh ann an 1927.

Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchas agus eachdraidh shòisealta na Gàidhealtachd a tuath is an iar. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' a dhà de na leabhraichean as ainmeile aice agus 's e na dealbhan-camara aice fhèin a tha san dà leabhar. Bhàsaich i ann an taigh-altraim ann an Dun Èideann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-tughaidh agus Crodh Gàidhealach, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

20l

dealbhadaireachd-camara; togail dhealbhan; A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan; eachdraidh shòisealta; beanntan; An Cuiltheann; beanntan a' Chuilthinn; creagan; taighean tughaidh; tughadh; sgrathan; taighean croite; croitean; crodh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection