- TIOTAL
- Leac uaighe, Caibeal an Naoimh Maol Rubha, Àrasaig
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_1092
- ÀITE
- Àrasaig
- SGÌRE
- Loch Abar
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 10968
- KEYWORDS
- dealbhadaireachd-camara
togail dhealbhan
A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan
eachdraidh shòisealta
leacan
leacan uaighe
clachan-uaighe
eaglaisean
caibealan
uaighean
cladh
cladhan
naoimh
Eaglais Cheilteach

'S ann on t-16mh linn no 's dòcha nas tràithe, a tha seann eaglais agus cladh a' pharraist ann an Àrasaig, air a bheil cuideachd an t-ainm Caibeal an Naoimh Maol Rubha, no seann eaglais Chill Mhaol Rubha no Chille Mhoire. Tha an caibeal na sheasamh an taobh a tuath air Eaglais Chaitligich an Naoimh Màiri, a thàinig gu buil ann an 1849. Chaidh an leac uaighe shnaidhte seo ann an làraich a' chaibeil a thogail mar dhealbh le M.E.M. Donaldson sa chiad leth den 20mh linn.
Rugadh an tè a thog an dealbh, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. 'S e fear de na sgìrean a b' fheàrr leatha Rubha Àird nam Murchan agus b' ann an sin, ann an Sanna, a rinn i dachaigh ann an 1927.
Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchas agus eachdraidh shòisealta na Gàidhealtachd a tuath is an iar. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' a dhà de na leabhraichean as ainmeile aice agus 's e na dealbhan-camara aice fhèin a tha san dà leabhar. Bhàsaich i ann an taigh-altraim ann an Dun Èideann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive