Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dùn Teilbh, Gleann Beag
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_1093
ÀITE
Dùn Teilbh
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Gleann Eilg
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10969
KEYWORDS
dealbhadaireachd-camara
togail dhealbhan
A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan
eachdraidh shòisealta
arsaidheachd
ionadan àirseachail
cladhadh àirseachail
dùn
broch
rudan airseachail
Dun Telve, Glen Beag

'S e DùnTeilbh no Dùn t-Seilbh am broch as fheàrr air a ghleidheadh air tir-mòr Alba. 'S ann sa Gleann Bheag a tha e, deas air Gleann Eilg, agus tha broch eile sa ghleann cuideachd, dhen ainm Dùn Trodain no Dùn t-Srodain. 'S ann ainneamh a gheibhear dà bhroch cho faisg air a chèile. Tha iad den bheachd gun robh daoine a' fuireach ann an Dùn Teilbh eadar 200 BC agus 400 AD. Nuair a chaidh cladhach àirseachail a dhèanamh an seo chaidh bràthntan, cearcallan-cloiche o dhealganan agus criomag o chrèadhadaireachd Ròmanach a lorg ann. 'S ann on chiad leth den 20mh linn a tha an dealbh seo agus chì thu ann an rathad a-steach do Dhùn Teilbh.

Chan eil broch ri lorg ach ann an Alba, agus tha a' chuid as motha dhiubh ann an taobh a tuath is an taobh an iar na dùthcha. Mar is trice tha iad air an dèanamh le dà bhalla co-chearcallach de ghàrradh cloiche agus staidhre eadar an dà bhalla a' dol suas gu gailearaidhean gu h-àrd. Tha connspaid ann air dè a b' adhbhar dhaibh. Tha cuid ag ràdh gur e togalaichean dìonach a bh' annta agus cuid eile den bheachd gur e comharra de dh' ìre uachdrach a bh' annta. Ge b' ei dè a b' adhbhar dhaibh, tha iad uile air an togail san aon dòigh, a' toirt a' chreidsinn gur e an aon bhuidheann de phrìomh luchd-togail a' siubhal mun cuairt a thog iad.

Rugadh an tè a thog an dealbh, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. 'S e fear de na sgìrean a b' fheàrr leatha Rubha Àird nam Murchan agus b' ann an sin, ann an Sanna, a rinn i dachaigh ann an 1927.

Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchas agus eachdraidh shòisealta na Gàidhealtachd a tuath is an iar. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' a dhà de na leabhraichean as ainmeile aice agus 's e na dealbhan-camara aice fhèin a tha san dà leabhar. Bhàsaich i ann an taigh-altraim ann an Dun Èideann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dùn Teilbh, Gleann Beag

INBHIR NIS: Gleann Eilg

20l

dealbhadaireachd-camara; togail dhealbhan; A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan; eachdraidh shòisealta; arsaidheachd; ionadan àirseachail; cladhadh àirseachail; dùn; broch; rudan airseachail

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection