Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Soighne Là na Sàbaid
EXTERNAL ID
GB1796_977_P34_240
ÀITE
neo-aithnichte
LINN
1920an; 1930an; 1940an
CRUTHADAIR
Gordon Shennan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10981
KEYWORDS
creideamhan
soighnichean
Sabbath Day Sign

Cuimhnich Là na Sàbaid a chuimhead naomh.
Bha an dealbhadair, Gordan Shennan, à Gall-Ghaidhealaibh agus 's e innleadair-dealain a bh'ann dheth. 'S ann fhad 's a bha e ann an Lunnain a ghabh e ùidh ann an sochairean sòisealta, agus rinn e obair gu saor-thoileach aig "Misean Cocnaidh" ann an ceann a deas a' bhaile mhòir. B' e a' ghairm shòisealta a bha seo a thug e chun na dreuchd ùir aige mar neach-sgrùdaidh airson Comann Rìoghail Albannach airson Dìon na Cloinne air a' Ghaidhealtachd bho 1924 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1965. Anns an obair seo, shiubhail Gòrdan Shennan air feadh na Gaidhealtachd 's nan eileanan, an toiseach air motair-rothair agus an uairsin le bhana. 'S e fear a' chruelty am farainm a bh'air Gordan ach cha robh seo fìor mun phearsa bhlàth, chòir aige. Bha e air aithneachadh mar fhear aig an robh ùidh ann a bhith a' dìon clann so-leònte, ach cha b' e sin
a-mhàin ach 's e fear a bh'ann dheth a bha ro thoilichte comhairle dhèantanach a thoirt do pharantan airson cobhair a thoirt dhaibh far an robhar a' meas gur e duilgheadasan sòisealta a bha aig bun na trioblaid.
Mar fhear a bha dèidheil air a bhith a' togail dhealbhan, thog e mòran dhe na turasan aige air a' chamara. Chlàr e h-uile seòrsa rud bho theaghlaichean gu stoirmean-sneachda agus tuiltean an siud 's an seo air a' Ghaidhealtachd. Tro obair bha Gòrdan Shennan na fhìor charaid do iomadh teaghlach luchd-siubhail agus chuireadh iad fàilte air chun nan làraichean aca. Bha e an còmhnaidh dèantanach agus bha e deònach am preasa-bidhe aige fhèin fhosgladh airson cobhair a thoirt seachad uair sam bith a bha an fheum ann.
Tro na h-ìomhaighean, chì duine gu soilleir, gun deach dealbhan dhe na daoine sin a thogail airson an dòigh beatha aca agus seallaidhean làitheil a chlàradh. Mura bitheadh iad, bhithear air a leithid seo a dhìochuimhneachadh. Mar a tha an iomradh-bàis aige ag ràdh, bha 'sùil gheur agus co-fhaireachdainn mhòr airson dòigh beatha na Gaidhealtachd' aig Gòrdan Shennan. Tro na h-ìomhaighean thaitneach, dheàlrach aige, 's urrainn dhuinne coimhead tron a' ghlainne aige air àm a dh'fhalbh agus sealladh fhaighinn air dòigh beatha àraidh a dh'fhalbh o chionn fhada

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Soighne Là na Sàbaid

1920an; 1930an; 1940an

creideamhan; soighnichean