Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aonghas Stiùbhart agus a theaghlach aig Drochaid Chàrr a' suidheachadh campa
EXTERNAL ID
GB1796_977_P34_716
ÀITE
Drochaid Chàrr
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
LINN
1920an; 1930an; 1940an
CRUTHADAIR
Gordon Shennan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10987
KEYWORDS
luchd-siubhail
dòighean-beatha
làraich-campachaidh
teantaichean-bogha
Angus Stewart and family at Carrbridge setting up camp

Aonghas Stiùbhart agus a theaghlach aig Drochaid Chàrr a' suidheachadh campa. Tha structair na teanta-bogha na àite. Airson pòlaichean na teanta " 's e calltainn no uinnseann a bha iad a' cleachdadh, rudeigin a ghabhadh a lùbadh, eil fhios agad 's e na fir a bha gan cur suas. Tron t-samhradh chuireadh tu suas iad ann an uair a thìde...oir chan...fheumadh iad a bhith làidir tron t-samhradh no blàth ..'s dòcha dìreach beagan bhoghaichean calltainn. 'S e boghaichean a bh' againne orra...bhiodh e furasta gu leòr seileach a chantainn ach 's e dìreach boghaichean a bh' againne orra. Bhiodh bogha calltainn nas fheàrr a ràdh. Tha thu stobadh nam boghaichean dhan talamh ...tron gheamhradh tha thu gan cur gu math domhainn agus beagan nas gairbhe, grunn aca còmhla, eil fhios agad. Tron t-samhradh 's dòcha gun cuireadh tu còig air aon thaobh, còig air an taobh eile...chan fheumadh e bhith làidir, eil fhios agad, an samhradh a bh' ann. Tron gheamhradh, na gèiltean, dh'fheumadh e bhith làidir...cuid de ghèiltean a' gheamhraidh...bha àiteachan anns an Eilean Sgiathanach a bha eagalach fosgailte. Oh bhiodh sràbh againn air an talamh, dìreach siota air a mhuin, bha seo a' dèanamh bobhstair...ach bha teaghlach mòr ann. Bha sinn seachdnar ann."

Bha an dealbhadair, Gordan Shennan, à Gall-Ghaidhealaibh agus 's e innleadair-dealain a bh'ann dheth. 'S ann fhad 's a bha e ann an Lunnain a ghabh e ùidh ann an sochairean sòisealta, agus rinn e obair gu saor-thoileach aig "Misean Cocnaidh" ann an ceann a deas a' bhaile mhòir. B' e a' ghairm shòisealta a bha seo a thug e chun na dreuchd ùir aige mar neach-sgrùdaidh airson Comann Rìoghail Albannach airson Dìon na Cloinne air a' Ghaidhealtachd bho 1924 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1965. Anns an obair seo, shiubhail Gòrdan Shennan air feadh na Gaidhealtachd 's nan eileanan, an toiseach air motair-rothair agus an uairsin le bhana. 'S e fear a' chruelty am farainm a bh'air Gòrdan ach cha robh seo fìor mun phearsa bhlàth, chòir aige. Bha e air aithneachadh mar fhear aig an robh ùidh ann a bhith a' dìon clann so-leònte, ach cha b' e sin a-mhàin ach 's e fear a bh'ann dheth a bha ro thoilichte comhairle dhèantanach a thoirt do phàrantan airson cobhair a thoirt dhaibh far an robhar a' meas gur e duilgheadasan sòisealta a bha aig bun na trioblaid.
Mar fhear a bha dèidheil air a bhith a' togail dhealbhan, thog e mòran dhe na turasan aige air a' chamara. Chlàr e h-uile seòrsa rud bho theaghlaichean gu stoirmean-sneachda agus tuiltean an siud 's an seo air a' Ghaidhealtachd. Tro obair bha Gòrdan Shennan na fhìor charaid do iomadh teaghlach luchd-siubhail agus chuireadh iad fàilte air chun nan làraichean aca. Bha e an còmhnaidh dèantanach agus bha e deònach am preasa-bidhe aige fhèin fhosgladh airson cobhair a thoirt seachad uair sam bith a bha an fheum ann.

Tro na h-ìomhaighean, chì duine gu soilleir, gun deach dealbhan dhe na daoine sin a thogail airson an dòigh beatha aca agus seallaidhean làitheil a chlàradh. Mura bitheadh iad, bhithear air a leithid seo a dhìochuimhneachadh. Mar a tha an iomradh-bàis aige ag ràdh, bha "sùil gheur agus co-fhaireachdainn mhòr airson dòigh beatha na Gàidhealtachd" aig Gordan Shennan. Tro na h-ìomhaighean thaitneach, dheàlrach aige, 's urrainn dhuinne coimhead tron a' ghlainne aige air àm a dh'fhalbh agus sealladh fhaighinn air dòigh beatha àraidh a dh'fhalbh o chionn fhada

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aonghas Stiùbhart agus a theaghlach aig Drochaid Chàrr a' suidheachadh campa

INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais

1920an; 1930an; 1940an

luchd-siubhail; dòighean-beatha; làraich-campachaidh; teantaichean-bogha