Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Campa agus teaghlach luchd-siubhail
EXTERNAL ID
GB1796_983_P22_2
ÀITE
neo-aithnichte
LINN
1920an; 1930an; 1940an
CRUTHADAIR
Gordon Shennan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11008
KEYWORDS
luchd-siubhail
dòighean beatha
teantaichean-bogha
Traveller's campsite and family group

Teaghlach air taobh a-muigh teanta-bogha. Bha spèis mhòr aig luchd-siubhail do chloinn.. Tha coltas an deagh bhìdhe air a' chloinn seo agus gu bheil iad air an coimhead riutha gu math. "Ma bha làrach ann le còig teaghlaichean fichead bha leth-cheud pàrant aig a h-uile leanabh!" "O chionn bhliadhnaichean bha thu dìreach a' dèanamh deiseil agus a' falbh...bha thu daonnan a' faighinn rud ris an canamaid na seann làraich. Ach chan eil sgeul orra a-nis, an dàrna cuid aig Dualchas na h-Alba no aig Fiadh-bheatha...àiteachan mar sin. Tha cleachdadh agad, thòid thu chun an àite seo, no dhan àite seo...ach tha iad air tòrr làraich charabhan a thogail a-nis...mar sin ma tha làrach charabhan anns an sgìre tha còrr agad a bhith air an làraich ...talamh a' Chomhairle. Chaneil talamh coitcheann ann a-nis!"
Bha an dealbhadair, Gordan Shennan, à Gall-Ghaidhealaibh agus 's e innleadair-dealain a bh'ann dheth. 'S ann fhad 's a bha e ann an Lunnain a ghabh e ùidh ann an sochairean sòisealta, agus rinn e obair gu saor-thoileach aig "Misean Cocnaidh" ann an ceann a deas a' bhaile mhòir. B' e a' ghairm shòisealta a bha seo a thug e chun na dreuchd ùir aige mar neach-sgrùdaidh airson Comann Rìoghail Albannach airson Dìon na Cloinne air a' Ghaidhealtachd bho 1924 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1965. Anns an obair seo, shiubhail Gòrdan Shennan air feadh na Gaidhealtachd 's nan eileanan, an toiseach air motair-rothair agus an uairsin le bhana. 'S e fear a' chruelty am farainm a bh'air Gòrdan ach cha robh seo fìor mun phearsa bhlàth, chòir aige. Bha e air aithneachadh mar fhear aig an robh ùidh ann a bhith a' dìon clann so-leònte, ach cha b' e sin a-mhàin ach 's e fear a bh'ann dheth a bha ro thoilichte comhairle dhèantanach a thoirt do phàrantan airson cobhair a thoirt dhaibh far an robhar a' meas gur e duilgheadasan sòisealta a bha aig bun na trioblaid.
Mar fhear a bha dèidheil air a bhith a' togail dhealbhan, thog e mòran dhe na turasan aige air a' chamara. Chlàr e h-uile seòrsa rud bho theaghlaichean gu stoirmean-sneachda agus tuiltean an siud 's an seo air a' Ghaidhealtachd. Tro obair bha Gòrdan Shennan na fhìor charaid do iomadh teaghlach luchd-siubhail agus chuireadh iad fàilte air chun nan làraichean aca. Bha e an còmhnaidh dèantanach agus bha e deònach am preasa-bidhe aige fhèin fhosgladh airson cobhair a thoirt seachad uair sam bith a bha an fheum ann.
Tro na h-ìomhaighean, chì duine gu soilleir, gun deach dealbhan dhe na daoine sin a thogail airson an dòigh beatha aca agus seallaidhean làitheil a chlàradh. Mura bitheadh iad, bhithear air a leithid seo a dhìochuimhneachadh. Mar a tha an iomradh-bàis aige ag ràdh, bha "sùil gheur agus co-fhaireachdainn mhòr airson dòigh beatha na Gàidhealtachd" aig Gordan Shennan. Tro na h-ìomhaighean thaitneach, dheàlrach aige, 's urrainn dhuinne coimhead tron a' ghlainne aige air àm a dh'fhalbh agus sealladh fhaighinn air dòigh beatha àraidh a dh'fhalbh o chionn fhada

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Campa agus teaghlach luchd-siubhail

1920an; 1930an; 1940an

luchd-siubhail; dòighean beatha; teantaichean-bogha