Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dealbh air a pheantadh le Edmund Miller
EXTERNAL ID
GB1796_986_P13
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1986
LINN
1930s
CRUTHADAIR
Edmund Miller
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
11020
KEYWORDS
plèanaichean
raointean laighe
puirt adhair
itealain
A Flying Start to the Day (Edmund Miller)

'A Flying Start to the Day' dealbh air a pheantadh le Edmund Miller, G. Av. A., a chaidh a choimiseanadh le Dan Air agus a chaidh a thoirt seachad gu Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis an 31mh den Iuchar 1986. Chaidh an cùirtear a thogail bhuaithe le Richard Fresson agus Betty Rasmussen (am mac 's an nighean aig a' Chaiptean Fresson).

Sa pheantadh chithear sealladh àbhaisteach a bhiodh aig Longman Municipal Aerodrome, Inbhir Nis, mu 1936, le luchd-obrach agus itealain aig Slighean-adhair na Gàidhealtachd aig toiseach obraichean sgèith an latha.

Chithear ann an Caiptean Ernest Edmund 'Ted' Fresson, OBE, (sa bhriogais lethach ann am meadhan buidheann nam pìleatan) 's e a' toirt fiosrachadh an latha dhaibh. Ann am pàirtean eile chithear cuid de na prìomh-phìleatan ainmeil, einnseanaran, luchd-reic is luchd-trafaig a bh' aig Slighean-adhair na Gàidhealtachd / Highland Airways sna bhliadhnaichean tràtha, agus cuideachd ann tha co-luchd-stiùiridh, co-luchd-obrach agus caraidean Fresson.

Air an sònrachadh san dealbh cuideachd tha na seirbheisean Postachd is Ambulans Adhair a chuidich an Caiptein Fresson a chur air bhonn sa Ghàidhealtachd airson a' chiad uair, agus cuideachd na ceithir seòrsachan itealain a chleachd e air na slighean adhair gu tuath.

(Taing gu Peter Clegg airson an teacsa seo)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dealbh air a pheantadh le Edmund Miller

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1930s

plèanaichean; raointean laighe; puirt adhair; itealain