Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cabhlach de 'de Havilland DH84 Dragons' aig Slighean-adhair na Gàidhealtachd
EXTERNAL ID
GB1796_989_P5_1
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11022
KEYWORDS
dealbh-camara
itealain
companaidhean-itealain
Highland Airways' fleet of de Havilland DH84 Dragons

San dealbh-camara seo chithear an cabhlach de 'de Havilland DH84 Dragons' aig Slighean-adhair na Gàidhealtachd. 'S cinnteach gur ann aig port-adhair an Longman an Inbhir Nis a chaidh an dealbh a thogail, uaireigin eadar 1935 is 1939.

B' e na Dràgonan pleanaichean dà-einnseanach nan tursan goirid do luchd-siubhail, agus chaidh an deilbh ann an 1933. Tha iad 10.5 meatair a dh'fhad, aitheamh de 14.4 meatair aca agus gabhaidh iad eadar 6 agus 10 neach. Thèid iad aig luaths as motha de 167 km/u.

Chaidh pleana G-ACIT a lìbhrigeadh san Lùnastal 1933. 'S e 'Obar Dheathain' a bh' air a' phleana an toiseach ach chaidh ath-ainmeachadh 'Arcach' a-rithist. Chaidh a tharraing à seirbheis san Lùnastal 1981 agus aig àm an sgrìobhaidh seo tha am pleana na laighe aig an Taigh-tasgaidh Nàiseanta Saidheans faisg air Swindon.

Chaidh am pleana G-ADCT a lìbhrigeadh do Shlighean-adhair na Gàidhealtachd san Ògmhios 1935 agus 's e 'Arcach/Orcadian' an t-ainm a bh' air. Chraisig e aig Port-adhair an Longman an 14mh Dùbhlachd 1939.

Chaidh am pleana G-ACET a lìbhrigeadh san t-Sultain 1934 agus 's e "Kirkwall" a bh' air. Chaidh a thoirt a-steach do sheirbheis an RAF san Iuchar 1940 mar AW171.

Chan eil fhios co 'm pleana a tha sa cheathramh fhear

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cabhlach de 'de Havilland DH84 Dragons' aig Slighean-adhair na Gàidhealtachd

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1930an

dealbh-camara; itealain; companaidhean-itealain

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Airports & Aircraft