Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Carragh-cuimhne nan Gàidheal Camshronach, Inbhir Nis, 1893
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_042
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
14 Iuchar 1893
LINN
1890an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11081
KEYWORDS
Carragh-cuimhne nan Camshronach
Inbhir Nis
Ceàrnag an Stèisein
Camshronaich na Bànrigh
iomairtean
Eiphit
Sudan
G. Wade
sphioncs
Unveiling the Cameron Highlanders Memorial in Inverness, 1893

Anns an dealbh seo, chithear Carragh-cuimhne nan Camshronach ann an Ceàrnag an Stèisein, Inbhir Nis air 14 Iuchar 1893 goirid às dèidh don chòmhdach a bhith air a thoirt dheth le Dòmhnall Camshron, fear Loch Iall, Morair-ionaid a' Chrùin airson Siorrachd Inbhir Nis agus Ceann-cinnidh nan Camshronach. Is e Loch Iall am fear air a bheil feusag liath a tha air taobh chlì na carragh-cuimnhe. Is e saighdearan ùra agus luchd-obrach à Armlann nan Camshronach, Gearastan nan Camshronach fo smachd a' Mhàidseir JM Hunt th' anns na saighdearan ri aghaidh na deilbhe aig a bheil ite nam bonaidean. Tha am Màidsear ri fhaicinn air fìor thaobh dheas na deilbhe. Air taobh eile Cearnag an Stèisean, chithear saighdearan bhon 1d Buidheann-chatha Shaor-thoileach de na Camshronaich. Tha na h-oifigearan aca furasta aithneachadh air taobh dheas na deilbhe bho an cuid sporan de chraiceann-ghobhair geal. Tha buidhnean bho 2ra Buidheann-chatha (Mailisidh) nan Camshronach agus bho Ghunnairean Saor-thoileach na Gàidhealtachd an làthair.

(Chaidh am fiosrachadh seo a thoirt seachad le Taigh-tasgaidh Rèisimeideach nan Gàidheal, Dùn Deòrsa)

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Carragh-cuimhne nan Gàidheal Camshronach, Inbhir Nis, 1893

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1890an

Carragh-cuimhne nan Camshronach; Inbhir Nis; Ceàrnag an Stèisein; Camshronaich na Bànrigh; iomairtean; Eiphit; Sudan; G. Wade; sphioncs

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection