Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Carragh-cuimhne nan Gàidheal Camshronach, Inbhir Nis, 1893
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_044
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
14 Iuchar 1893
LINN
1890an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11083
KEYWORDS
Carragh-cuimhne nan Camshronach
Inbhir Nis
Ceàrnag an Stèisein
Camshronaich na Bànrigh
iomairtean
Eiphit
Sudan
G. Wade
Taigh-òsta an Stèisein
Stèiseanan Rathaidean-iarainn
Unveiling the Cameron Highlanders Memorial in Inverness, 1893

Ceud bliadhna às dèidh stèidheachadh nan 79mh Gàidheil Chamshronach ann an 1793, chaidh co-dhùnadh Carragh-cuimhne Rèisimeideach a thogail ann an Inbhir Nis. Bhiodh a' chlach seo a' comharrachadh nan Camshronach a chaochail air seirbheis thall thairis bho ghluais an rèisimeid a dh'Inbhir Nis fo Ath-leasachaidhean an Airm ann an 1881. Mus deach an Eastgate ath-leasachadh , b' e stèisean-rèile Inbhir Nis cridhe a' bhaile oir bhiodh a' mhòr-chuid de luchd-tadhail a' tighinn don bhaile troimhe. B' e Alasdair Ros, a bha na ailtire cliùiteach, am Pròbhaist ann an 1893. Thagh e fhèin agus Comhairle a' Bhaile làrach fhollaiseach don charragh-cuimhne ann an Cearnag an Stèisein. Thug luchd-stiùiridh Rathad-iarainn na Gàidhealtachd an talamh seachad airson na cloich-cuimhneachaidh an-asgaidh.

Chaidh an ìomhaigh a shnaigheadh ann an Clach Phortland leis an t-Snaigheadair Lunnainneach Mgr Seòras Wade. Chaidh am bonn is an t-àrd-ùrlar a thogail le luchd-ciùird ionadail. Anns an dealbh seo, chithear Dòmhnall Camshron, fear Loch Iall, Morair-ionaid a' Chrùin airson Siorrachd Inbhir Nis agus Ceann-cinnidh nan Camshronach aig seirbhis foillseachaidh na cloiche. Às dèidh òraid Loch Iall, thug am Màidsear JM Hunt a' chlach-chuimhneachaidh don Phròbhaist is do na Bàilidhean 'into their custody for all time to come'. Ann an 1993 dà chiad bliadhna às dèidh stèidheachadh nan Camshronach, rinn Comhairle Sgìreil Inbhir Nis ath-sgeadachadh air an ìomhaigh. Chaidh na h-ainmean a bha air fàs doirbh a leughadh a snaigheadh às ùr agus chaidh na rèileachan timcheall air a' charragh-cuimhne a chàradh.

(Chaidh am fiosrachadh seo a thoirt seachad le Taigh-tasgaidh Rèisimeideach nan Gàidheal, Dùn Deòrsa).

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Carragh-cuimhne nan Gàidheal Camshronach, Inbhir Nis, 1893

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1890an

Carragh-cuimhne nan Camshronach; Inbhir Nis; Ceàrnag an Stèisein; Camshronaich na Bànrigh; iomairtean; Eiphit; Sudan; G. Wade; Taigh-òsta an Stèisein; Stèiseanan Rathaidean-iarainn

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection