Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh Dhealgrois, oisean Queensgate agus Sràid na h-Eaglaise, Inbhirnis
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_071
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1890an; 1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11103
KEYWORDS
Taigh Dhealgrois
Inbhirnis
coinneanaich
maighich
sanasachd
Dalcross House, corner of Queensgate and Church Street, Inverness

Taigh Dhealgrois aig oisean Queensgate agus Sràid na h-Eaglaise, Inbhirnis. Tha àm an taighe a' dol air ais gu 1700 - chithear an ceann-latha air a' chloich shnaidhte os cionn na h-uinneige-mullaich air an fhìor làimh dheis. Chaidh an taigh a leagail airson àite a dhèanamh do Bhanca Dhail Chluaidh agus tha na clachan-snaidhte os cionn nan uinneagan-mullaich uile air an glèidheadh anns a' bhanca.
'Se bùth 'Sheòrais MhicLeòid, Ceannaiche-eisg agus chearcan' a chithear gu h-ìosal air an làimh chlì. Chithear sreathan de choinneanaich 's de mhaighich croichte a-muigh os cionn nan uinneagan. Tha sanasachd anns a' bhùth air an làimh dheis airson 'Ùrachaidhean, Teatha, Cofaidh agus Còco'. Tha am postair air oisean an togalaich a' sanasachd fèill-geamhraidh Ionatan Ros air an Àrd Shràid.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh Dhealgrois, oisean Queensgate agus Sràid na h-Eaglaise, Inbhirnis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1890an; 1900an

Taigh Dhealgrois; Inbhirnis; coinneanaich; maighich; sanasachd

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection