Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Na Scots Greys ann an Inbhir Nis, faisg air Sràid Ardrois.
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_087
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1890an; 1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11117
KEYWORDS
Na Scots Greys
Caisteal Inbhir Nis
Rèiseamaid Rìoghail Mharcaichean na h-Alba
Geàrd Mharcaichean Phrionnsa na Cuimrigh
Geàrd Mharcaichean Rìoghail na h-Alba
The Scots Greys at Inverness, near Ardross Street

Na Scots Greys ann an Inbhir Nis, faisg air Sràid Ardrois. Chithear Caisteal Inbhir Nis ann an cùl na deilbh. Bha tùs nan Scots Greys, a bha air an ainmeachadh air sàilleabh dath an cuid eich, ann an Rèiseamaid Rìoghail Mharcaichean na h-Alba. Bhiodh iad a' tarraing aire an t-sluaigh anns gach àite san deaghadh iad, seach gun robh iad a' coimhead cho math agus cuideachd seach gun robh cliù armailteach air leth aca. Air an sgeadachadh ann am frogannan dearga, bha iad furasta an aithneachadh le na caipean gleansach dubha de sheice mathain a bhiodh orra agus nach robh air saighdearan sam bith eile ann an Eachraidh Bhreatainn.
Chaidh na Scots Greys à sealladh air an 2 dhen Iuchar, 1971, seach gun deach iad còmhla ri Geàrd Mharcaichean Phrionnsa na Cuimrigh. B'e Geàrd Mharcaichean Rìoghail na h-Alba ainm an eachraidh ùir.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Na Scots Greys ann an Inbhir Nis, faisg air Sràid Ardrois.

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1890an; 1900an

Na Scots Greys; Caisteal Inbhir Nis; Rèiseamaid Rìoghail Mharcaichean na h-Alba; Geàrd Mharcaichean Phrionnsa na Cuimrigh; Geàrd Mharcaichean Rìoghail na h-Alba

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection