Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Talla Mhòigh
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_14_V
ÀITE
A' Mhòigh
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: A' Mhòigh 's Dail Fhearghais
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11147
KEYWORDS
Talla Mhòigh
Clann Mhic an Tòisich
Teàrlach Eideard Stiùbhart
am Prionnsa Teàrlach
Seumasaich
Na Saighdearan Dearga
a' Bhean-uasal Anna Nic an Tòisich
Morair Louden
Ruaig na Mòighe
Moy Hall

Talla Mòigh, faisg air Inbhir Nis. Tha A' Mhòigh air a bhith na dachaigh do cheann-cinnidh Mhic-an-tòisich bhon cheathramh linn deug.

Fhuair Teàrlach Eideard Stiùbhart aoigheachd aig Talla Mhòigh, ann an 1746, on Bhean-uasal Anna Nic an Tòisich, a bha na Seumasach. Bha a cèile, an ceann-cinnidh, a' sabaid ri Arm an Riaghaltais. Cha mhòr nach deach am Prionnsa a ghlacadh an-seo, nuair a thàinig na saighdearan aig a' Mhorair Louden às Inbhir Nis a chur stad air a' Phrionnsa. Dh'òrdaich a' Bhean-uasal Nic an Tòisich, a fhuair fios os ìosal mu na planaichean sin, ceathrar de na fir aice a bhith falach ri taobh an rathaid nuair a thigeadh na saighdearan dearga gan ionnsaigh. Bha aca rin gunnachan a losgadh fear as dèidh fir 's iad ag èigheachd air Clann Dòmhnaill agus air Clann Chamshroin a thighinn air adhart a shabaid. Mar sin smaoinich na saighdearan dearga gun do thachair iad air Arm nan Seumasach gu lèir. Chaidh an cleas seo leotha, agus theich saighdearan Mhorair Louden nan deann-ruith. 'S e 'Ruaig na Mòighe' a chanas iad ris an seo.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Talla Mhòigh

INBHIR NIS: A' Mhòigh 's Dail Fhearghais

Talla Mhòigh; Clann Mhic an Tòisich; Teàrlach Eideard Stiùbhart; am Prionnsa Teàrlach; Seumasaich; Na Saighdearan Dearga; a' Bhean-uasal Anna Nic an Tòisich; Morair Louden; Ruaig na Mòighe

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection