Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Winston Churchill ann an Inbhir Nis, 1921
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_23_VI
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
7 An t-Sultain 1921
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11157
KEYWORDS
riaghaltas
coinneamh Chaibineat Bhreatainn
Taigh Baile Inbhirnis
Prìomh mhinistearan
Rìgh Deòrsa V
Daibhidh Lloyd George
Winston Churchill in Inverness, 1921

Winston Churchill aig coinneamh dhen chaibineat aig Taigh Baile Inbhir Nis air an t-7mh dhen t-Sultainn 1921. B'e seo an aon choinneamh caibineat de Riaghaltas Bhreatainn a bha riamh air a cumail taobh a-muigh Lunnainn.

Bha am prìomh mhinistear, Daibhidh Lloyd George, air saorlàithean ann an Geàrrloch air taobh siar Rois nuair a fhuair e a-mach gun robh Eirinn air an Rìgh agus an Iompaireachd a dhiùltadh. Roghnaich e an caibineat a chumail ann an Inbhir Nis, an àite siubhal air ais a Lunnainn, seach gun robh an leas-mhinistear aige ann an Dùnaidh agus an Rìgh Deòrsa ann am Mòigh.

Thàinig 'Formula Inbhir Nis' às an seo a chruthaich bunait nan deasbadan a bha aig a' choinneimh far an do chruthaicheadh Cumhnant Stàit Shaor na h-Eirinn.

Bha a' choinneamh air a cumail ann an Seòmar na Comhairle aig 11am. An làthair bha Daibhidh Lloyd Georgr (Prìomh mhinistear), Austen Chamberlain (Morair an t-Seula Dhìomhair), Biocas Birkenhead (Ard-sheansalair), an Rìdire Raibeart S. Horne (Seansalair an Ionmhais), Eideart Shortt (Rùnaire na Dùthcha), Eideart S. Montague (Rùnaire na h-Innse), Bhiocas Derwent (Morair-ionaid a' Chrùin airson Eirinn), an Rìdire Hamar Greenwood (Rùnaire na h-Eirinn), an Rìdire Eric Geddes (Rùnaire a' Chòmhdhail), Stanley Baldwin (Rùnaire Bòrd a' Mhalairt), an Rìdire Alfred Mond (Ministear na Slàinte), an Rìdire Laming Worthington Evans (Rùnaire airson Cogadh), an Rìdire Artair Griffiths Boscawen (Ministear airson Iasgach agus Aiteachas), Raibeart Rothach (Rùnaire na h-Alba), an Dr T.J. Macnamara (Ministear an t-Saothair) agus Winston S. Churchill (Rùnaire nan Colonaidhean).

Chuir Uilleam Bain, oifigear a' chomhairle, timcheall pìos pàipear bàn (air a shealltainn 'san dealbh) agus chuir gach ball an ainm ris. Tha seo fhathast aig a' chomhairle agus tha leth-bhreac dheth a-nis air a thaisbeanadh seach gu bheil am pàipear tùsail air meathadh.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Winston Churchill ann an Inbhir Nis, 1921

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1920an

riaghaltas; coinneamh Chaibineat Bhreatainn; Taigh Baile Inbhirnis; Prìomh mhinistearan; Rìgh Deòrsa V; Daibhidh Lloyd George

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection