Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taobh a-staigh lann-amhairc Bheinn Nibheis
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_53_2
ÀITE
Beinn Nibheis
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhàillidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11190
KEYWORDS
beanntan
Comann Rìoghail nan Speuradairean
Comann Speuradairean na h-Alba
Beinn Nibheis
gnàth-shìde
Bànrigh Bhictoria
lann-amhairc
Inside Ben Nevis Observatory

Ann an 1877 mhol Ceann-suidhe Chomann Rìoghail nan Speuradairean gum bu chòir do lainn-amhairc bheanntan a bhith air an suidheachadh air mullaich iomallach. Chaidh lann-amhairc Bheinn Nibheis fhosgladh air an t-17 dhen Damhair 1883 agus thòisich e air fiosrachadh a chruinneachadh air an 28mh dhen t-Samhain dhen bhliadhna sin fhèin. Bha a' mhòr chuid dhen phròiseact air a mhaoineachadh le luchd-taic prìobhaideach, a' Bhan-rìgh Bhioctoria nam measg, agus bha e air a ruith le Comann Speuradairean na h-Alba agus Comann Rìoghail Dhùn Èidinn agus Lunnainn.

Bha stiùireadair is dà neach-cuideachaidh ag obair san togalach, is bhathar a' leughadh gloine-shìde na h-oifis, gloineachan-theas a-muigh, tomhas den uisge, sgòthan is a' ghaoth gach uair a thìde. Bha iad a' cumail sùil air doimhneachd an t-sneachda, duslach speurach, òson, 'rainband', sruthan na talmhainn, fad deàrrsadh na grèine is crithean-talmhainn nuair a bha seo iomchaidh. Bha am fiosrachadh air a chur dhan bhaile gu h-ìosal le teileagraf, is bhathar a' cleachdadh seo a chum rabhadh a thoirt do bhàtaichean mu stoirmean sa Chuan Shiar.

Chaidh an lann-amhairc a dhùnadh ann an 1904 air sgàth cion-airgid is teisteanas saidheansail nach robh ag aontachadh mu chudthrom na lann-amhairc

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taobh a-staigh lann-amhairc Bheinn Nibheis

INBHIR NIS: Cill Mhàillidh

beanntan; Comann Rìoghail nan Speuradairean; Comann Speuradairean na h-Alba; Beinn Nibheis; gnàth-shìde; Bànrigh Bhictoria; lann-amhairc

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection