Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Inbhir Nis, Rathad a' Chaisteil agus Drochaid Nis
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_54B_II_RR
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Robert Reid
NEACH-FIOSRACHAIDH
Robert Reid
AITHNEACHADH MAOINE
11192
KEYWORDS
caistealan
drochaidean
taighean-cùrtach
prìosain
Inverness Castle, Castle Road and Ness Bridge

Chaidh an taigh-cùrtach aig ceann a deas a' chaisteil a thogail eadar 1833-36 agus chuireadh an roinn a tuath ris mar phrìosan ann an 1848. Ann an 1901, an dèidh prìosan ùr a thogail aig Porterfield, b' e prìomh-oifis Poileis Inbhir Nis bha sa' chuid sin dhen chaisteal agus thainig an taigh-cùrtach gu bhith na Sheòmar Comhairle do Chomhairle Siorrachd Inbhir Nis. An dèidh atharrachadh ann an raighaltas ionadail sna 1970an thainig e gu bhith na thaigh-cùrtach dhan Sgìre.

Dh'fhosgladh Drochaid Nis san Lùnastal 1855. B' e drochaid-crochaidh a bha innte a bha 68.5 meatair de leud. Bha i seo an àite na seann drochaid a dh'fhalbh le tuiltean 1849. Cha robh an drochaid freagarrach airson na bha ann de charbadan agus chaidh tairgsean a shireadh airson drochaid ùir ann an 1939 ged nach do thòisich an obair airson 20 bliadhna eile.

O thùs, bha gàrraidhean a bha a' ruith sìos dhan abhainn aig na taighean ris an canar Ionad Ghòrdain, ach thugadh air falbh iad nuair a chaidh leudachadh agus àrdachadh a dhèanamh air an rathad gus an drochaid crochaidh a leigeil air adhart ann an 1855. Chaidh na taighean a leagail ann an 1900 gus àite a dhèanamh do thoglaichean na bu mhotha agus chaidh iad sin an uair sin a leagail ann an 1959 gus leigeil leis an drochaid crochaidh a bhith air a leagail.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Inbhir Nis, Rathad a' Chaisteil agus Drochaid Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

2000an

caistealan; drochaidean; taighean-cùrtach; prìosain

Robert Reid

Chaidh an taigh-cùrtach aig ceann a deas a' chaisteil a thogail eadar 1833-36 agus chuireadh an roinn a tuath ris mar phrìosan ann an 1848. Ann an 1901, an dèidh prìosan ùr a thogail aig Porterfield, b' e prìomh-oifis Poileis Inbhir Nis bha sa' chuid sin dhen chaisteal agus thainig an taigh-cùrtach gu bhith na Sheòmar Comhairle do Chomhairle Siorrachd Inbhir Nis. An dèidh atharrachadh ann an raighaltas ionadail sna 1970an thainig e gu bhith na thaigh-cùrtach dhan Sgìre.<br /> <br /> Dh'fhosgladh Drochaid Nis san Lùnastal 1855. B' e drochaid-crochaidh a bha innte a bha 68.5 meatair de leud. Bha i seo an àite na seann drochaid a dh'fhalbh le tuiltean 1849. Cha robh an drochaid freagarrach airson na bha ann de charbadan agus chaidh tairgsean a shireadh airson drochaid ùir ann an 1939 ged nach do thòisich an obair airson 20 bliadhna eile.<br /> <br /> O thùs, bha gàrraidhean a bha a' ruith sìos dhan abhainn aig na taighean ris an canar Ionad Ghòrdain, ach thugadh air falbh iad nuair a chaidh leudachadh agus àrdachadh a dhèanamh air an rathad gus an drochaid crochaidh a leigeil air adhart ann an 1855. Chaidh na taighean a leagail ann an 1900 gus àite a dhèanamh do thoglaichean na bu mhotha agus chaidh iad sin an uair sin a leagail ann an 1959 gus leigeil leis an drochaid crochaidh a bhith air a leagail.