- TIOTAL
- Drochaid Nis agus Caisteal Inbhir Nis
- EXTERNAL ID
- GB1796_1999_116_54_II
- ÀITE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- DEIT
- 1878
- LINN
- 1870an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 11193
- KEYWORDS
- caistealan
drochaidean
taighean-cùrtach
prìosain

Tha caisteal air a bhith air an làraich bhon dara linn deug. Anns na 500 bliadhna a lean chaidh a mhilleadh agus ath-thogail iomadh uair.
Chaidh an taigh-cùrtach aig ceann a deas a' chaisteil a thogail eadar 1833-36 agus chuireadh an roinn a tuath ris mar phrìosan ann an 1848. Ann an 1901, an dèidh prìosan ùr a thogail aig Porterfield, b' e prìomh-oifis Poileis Inbhir Nis bha sa' chuid sin dhen chaisteal agus thainig an taigh-cùrtach gu bhith na Sheòmar Comhairle do Chomhairle Siorrachd Inbhir Nis. An dèidh atharrachadh ann an raighaltas ionadail sna 1970an thainig e gu bhith na thaigh-cùrtach dhan Sgìre.
Dh'fhosgladh Drochaid Nis san Lùnastal 1855. B' e drochaid-crochaidh a bha innte a bha 68.5 meatair de leud. Bha i seo an àite na seann drochaid a dh'fhalbh le tuiltean 1849. Cha robh an drochaid freagarrach airson na bha ann de charbadan agus chaidh tairgsean a shireadh airson drochaid ùir ann an 1939 ged nach do thòisich an obair airson 20 bliadhna eile
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive