Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Inbhir Nis agus Abhainn Nis bho Shlighe Nis
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_56A_II
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11194
KEYWORDS
caistealan
taighean-cùrtach
prìosain
aibhnichean
cathraichean-eaglais
Inverness Castle and River Ness from Ness Walk

Sealladh de Chaisteal Inbhir Nis, thairis air Abhainn Nis, bho Bharraid Ard Rois.

Tha caisteal air a bhith air an làraich bhon dara linn deug. Anns na 500 bliadhna a lean chaidh a mhilleadh agus ath-thogail iomadh uair.

Chaidh an taigh-cùrtach aig ceann a deas a' chaisteil a thogail eadar 1833-36 agus chuireadh an roinn a tuath ris mar phrìosan ann an 1848. Ann an 1901, an dèidh prìosan ùr a thogail aig Porterfield, b' e prìomh-oifis Poileis Inbhir Nis a bha sa' chuid sin dhen chaisteal agus thainig an taigh-cùrtach gu bhith na Sheòmar Comhairle do Chomhairle Siorrachd Inbhir Nis. An dèidh atharrachadh ann an raighaltas ionadail sna 1970an thainig e gu bhith na thaigh-cùrtach dhan Sgìre.

Dh'fhosgladh Drochaid Nis san Lùnastal 1855. B' e drochaid-chrochaidh a bha innte a bha 68.5 meatair de leud. Bha i seo an àite na seann drochaid a dh'fhalbh le tuiltean 1849. Cha robh an drochaid freagarrach airson na bha ann de charbadan agus chaidh tairgsean a shireadh airson drochaid ùir ann an 1939 ged nach do thòisich an obair airson 20 bliadhna eile

Chithear Cathair-eaglais Naomh Anndra air an làimh chlì

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Inbhir Nis agus Abhainn Nis bho Shlighe Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

caistealan; taighean-cùrtach; prìosain; aibhnichean; cathraichean-eaglais

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection