- TIOTAL
- Clann nan suidhe air Cloich Chumberland, Cùil Lodair, faisg air Inbhir Nis
- EXTERNAL ID
- GB1796_1999_116_109
- ÀITE
- Mòinteach Chùil Lodair
- SGÌRE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- LINN
- 1890an; 1900an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 11206
- KEYWORDS
- Inbhir Nis
Cùil Lodair
Clach Chumberland
clann
Diùc Chumberland
Clann nan suidhe air Cloich Chumberland, Cùil Lodair, faisg air Inbhir Nis 's dòcha gur ann air turas sgoil Shàbaid a bha iad. Tha Clach Chumberland an ear air taigh Leanach an Cùil Lodair. 'S e clach mhòr a tha innte aig a bheil ceanglaichean ri Diùc Chumberland.
Tha mòran air aithris mun chloich seo. Tha aon sgeulachd ag ràdh gun do stiùir Diùc Chumberland am blàr agus e na sheasamh air an ulbhaig seo. Ach, Tha luchd-eachdraidh den bheachd a-nis gur ann air muin eich a bha e aig an àm ach gur dòcha gun tug e sùil air a' bhlàr bhuaipe na bu thràithe. Tha aithris eile dhen bheachd gun do dh'ith an Diùc biadh aig a' chloich an dèidh a' bhlàr.
Rugadh Uilleam Augustus Hanover, Diùc Chumberland, am bràthair a b' òige aig Seòras III, ann an 1721 agus chaochail e nuair a bha e 44 bliadhna a dh'aois ann an 1765. Fhuair e a chliù gu sònraichte airson a' phàirt a bha aige ann am Blàr Chùil Lodair ann an 1746. B' ann fo a stiùireadh a chaidh ruaig a chur air na Seumasaich fon Phrionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart leis an arm Hanobharach aig Rìgh Sheòrais II agus aig an aon àm a' cur crìoch air dòchas nan Seumasach gus na Stiùbhartaich a chur air ais air cathair-rìoghail Bhreatainn
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive