Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
2na Buidheann-catha (Mailisidh) Camshronach na Banrigh, 1885
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_130
ÀITE
Am Blàr Dubh
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Urrath
DEIT
1885
LINN
1880an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11223
KEYWORDS
Mailisidh Na Gàidhealteachd
Am Blàr Dubh
Cogadh a' Chrimea
ceannairc nan Innseannach
Na Sìophartaich
2nd (Militia) Battalion The Queen's Own Cameron Highlanders, 1885

Anns an dealbh seo, chithear an 2na Buidheann-catha (Mailisidh) Camshronaich na Banrigh a' trèanadh aig a' Bhlàr Dhubh ann an 1885. Chaidh a' bhuidheann-chatha a stèidheachadh fo Achd Mailisidh na h-Alba 1802 mar Mhailisidh Inbhir Nis, Banbh, Eilginn agus Inbhir Nàrann. Rè na Cogaidhean Napoileanach, bha I air a togail airson seirbheis aig an taigh ach às dèidh a' Chogaidh Fhrangaich, 's ann glè ainneamh a chaidh a thogail airson trèanadh. Bha a' Mhailisidh feumail a-rithist rè Cogadh a' Chrimea nuair a bha duilgheadasan mòra aig an Arm Phoifeiseanta saighdearan gu leòr a lorg.

Ann an 1855 chaidh Mailisidh Inbhir Nis ath-ainmeachadh mar an 76mh Mailisidh (Coisridh Aotrom na Gàidhealtachd) le Maighstir MhicShimidh air a ceann. Lean e a athair mar an 15mh Morair MacShimidh ann an 1875. Bha e os cionn na Mailisidh gu 1887. Chaidh an 76mh a dhèanamh na pàirt de na Camshronaich mar an 2na Buidheann-chatha (Mailisidh) fo Ath-leasachaidhean an Airm ann an 1881. Fo cheannas a' Mhorair MacShimidh, bha campa bliadhnail aig a' bhuidhinn-chatha aig a' Bhlàr Dhubh, far an robh an talamh freagarrach an dà chuid airson campachadh agus airson drile agus far an robh raon ann a bha freagarrach airson musgadaireachd. Bha am Blàr Dubh cuideachd gu math faisg air dachaidh a' Chòrnaileir, Caisteal an Dùnaidh.

Anns an dealbh seo, chithear a' bhuidheann-chatha ann an ceàrnag còmhla ris a' Chòrnaileir, a luchd-obrach, na Dathan agus na Còmhlain anns a' mheadhan. Is e innleachd dìon a bha seo a bhiodh air a' chleachdadh an aghaidh nàmhaidean mar an luchd-treabh den t-seòrsa a bha a' chiad Bhuidheann-chatha de na Camshronaich a' sabaid air a' chrìoch eadar an Èipheit agus Sudan ged nach robh e idir air a chleachdadh anns an Roinn Eòrpa fad iomadh bliadhna. Ann an 1893 chaidh an raidhfil Lee Metford a thoirt don Mhailisidh, agus chaidh co-dhùnadh nach robh an raon musgadaireachd sàbhailte agus mar sin, ghluais an trèanadh bliadhnail do na raontan raidhfil nas ùr-fhasanta aig Dùn Deòrsa.

(Chaidh am fiosrachadh seo a thoirt seachad le Taigh-tasgaidh Rèisimeideach nan Gàidheal, Dùn Deòrsa).

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

2na Buidheann-catha (Mailisidh) Camshronach na Banrigh, 1885

ROS: Urrath

1880an

Mailisidh Na Gàidhealteachd; Am Blàr Dubh; Cogadh a' Chrimea; ceannairc nan Innseannach; Na Sìophartaich

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection