Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fearchar a' Ghunna
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_169
ÀITE
neo-aithnichte
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11240
KEYWORDS
Fearchar a' Ghunna
Fo-cheannard Iain Mac Ghill Innein
Srath Chonainn
cùl-mhùtaireachd
iniltear
luchd-ealain na sràide
Taigh-eiridinn Inbhir Nis
Fearchair A Ghuna

Fear-seacharain Siorrachd Rois, Fearchar a' Ghunna.

Rugadh Fearchar ann an 1784 ann an Srath Chonainn ann an teaghlach chùl-mhùtairean, agus b' esan bràthair-athar an Fho-cheannard Iain Mac Ghill Innein. Bu croitear beartach athair Fhearchair ach bha fear-seacharain Siorrachd Rois na chaorach dhubh san teaghlach.

Nuair a bha e òg, bha Fearchar na bhuachaille ann an sgìre a' Chaisteil Ruaidh. Aon latha thuit e na chadal, agus chaidh an crodh dhan arbhar. Bhuail a mhaighstir ceann Fhearchair le spaid, agus bhris e cnàimh ugain. An dèidh iomadh argamaid le na gèidsearan agus athair fo chasaid chùl-mhùtaireachd, chuir e roimhe a bhith na iniltear.

Chitheadh daoine Fearchar air sràidean Siorrachd Rois, air a sgeadachadh le luideagan, slabhraidhean agus itean. Bha e beag, le falt fada gun chìreadh, agus poca mòr air a dhruim. Bha claidheamh agus iomadh daga air a chrios. Co-dhiù, bidh e coltach gun d'fhuair e ainm bhon rud as prìseile a bh' aige, gunna mòr le sia baraillean. Bha an gunna seo cho trom 's gum b'fheudar dha tacsa a dhèanamh air a shon. Bha e tric a' toirt gàire air an t-sluagh le ùrnaigh bhig, èibhinn airson airgead a chosnadh a cheannaicheadh fùdar-gunna.

Chaochail Fearchar a' Ghunna ann an Taigh-eiridinn Inbhir Nis ann an 1868

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fearchar a' Ghunna

Fearchar a' Ghunna; Fo-cheannard Iain Mac Ghill Innein; Srath Chonainn; cùl-mhùtaireachd; iniltear; luchd-ealain na sràide; Taigh-eiridinn Inbhir Nis

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection