Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cartùn mu Shaighdearan Fàire MhicShimidh, 1900
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_178
DEIT
1900
LINN
1900an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11248
KEYWORDS
èideadh Gàidhealach
rèisimeidean Ghàidhealach
èideadh
cogadh nam Boer
saighdearan faire Lovat
fastadh
Lovat Scouts Cartoon, 1900

Tràth ann an Cogadh Afraga a Deas 1899-1902, bhuannaich feachdan neo-riaghailteach Poblachd nam Boer, a bha a' sabaid air an talamh aca fhèin, sreath de bhuaidhean innleachdail. Bha am Morair MacShimidh a bha gu math dèidheil air stalcadh nam fiadh agus aig an robh oighreachd mhòr air a' Ghàidhealtachd, a' tuigsinn gun robh e na ana-chothrom do dh'Arm Bhreatainn nach robh feachdan sgrùdaidh èifeachdach aca. Air an adhbhar seo, thairg am Morair MacShimidh feachd de shaighdearan faire a thogail de cìobairean, gillidhean agus stalcairean nan oighreachdan-sealgaireachd. Chaidh cead a thoirt dha dà chompanaidh a chruinneachadh airson bliadhna de sheirbheis cogaidh. Chruinnich iad airson trèanadh saighdearach ann an Dùnaidh anns an Fhaoilleach agus sheòl iad a dh'Afraga a Deas anns a' Chèitean.

Nochd an cartùn mì-chàilear seo ann am Punch air 17 Faoilleach leis na faclan: 'THE "GILLIE-COLLUM," OR, THE " 'SLIM' RED LINE!" The wily Boer doesn't like the look of it at all - they look much too "dour" and "canny" to be pleasant! ("A corps of 170 Highland Gillies on mountain ponies is being organised for scouting purposes in South Africa" - Daily Paper)'.

Bha Saighdearan Faire MhicShimidh co-dhiù a cheart cho math ris na Boer air gunnadaireachd agus obair air a' bhlàr agus bha iad glè shoirbheachail ann an rabhadaireachd, a' cruinneachadh fiosrachadh armailteach agus mar sniopairean. Chaidh dà bhuidhinn a bharrachd a thogail airson seirbheis ann an Afraga a Deas. Às dèidh a' Chogaidh, chaidh cead a thoirt don Mhorair MacShimidh an ath-stèidheachadh mar dhà rèisimeid Yeomanry.

(Chaidh am fiosrachadh seo a thoirt seachad le Taigh-tasgaidh Rèisimeideach nan Gàidheal, Dùn Deòrsa)

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cartùn mu Shaighdearan Fàire MhicShimidh, 1900

1900an

èideadh Gàidhealach; rèisimeidean Ghàidhealach; èideadh
cogadh nam Boer; saighdearan faire Lovat; fastadh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection (illustrations)