Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fèill leabhraichean Iain Mhèinnearaich, Stèisean Inbhir Nis
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_190
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11260
KEYWORDS
stèiseanan rathaidean-iarainn
bùithtean
Inbhir Nis
Iain Mèinnearach
Teàrlach Dickens
Sobieski Stiùbhart
An Cogadh Mòr
John Menzies Bookstall, Inverness Station

Fèill leabhraichean Iain Mhèinnearaich aig Stèisean Inbhir Nis. Chaidh an stèisean a dhealbh le innleadair Rathaidean-iarainn na Gàidhealtachd Iòseph Mitchell agus thogadh e ann an 1855, nuair a dh'fhosgladh loidhne Inbhir Nàrainn.

Dh'fhosgail Iain Mèinnearach a' chiad bhùth leabhraichean aig 61 Sràid nam Prionnsachan, Dùn Eideann ann an 1833. A' cleachdadh cheanglaichean a rinn e fhad 's a bha e ag obair don fhoillsichear Teàrlach Tait ann an Lunnainn, stèidhich e roinn leabhraichean aig prìs nam marsantan agus thàinig e gu bhith na neach tagraidh Albannach do mhòran thaighean foillseachaidh Sasannach. Ann an 1837 shoirbhich na foillseachain mìosail aig Chapman & Hall dhen chiad nobhail aig Teàrlach Dickens, 'The Pickwick Papers', agus dh'abharaich seo gum b'urrainn dha leudachadh air gnìomhachasan meanbh-reic agus slàn-reic. Anns na 1840an leudaich e gu foillseachadh, leis an tiotal a b' iomraitiche 'Costumes of the Clans', le Sobieski Stiùbhart, a bha air fhoillseachadh mar chuimhneachan air ceud bliadhna bhon '45.

Ann an 1855 leudaich e a ghnìomhachas gu bhith a' sgaoileadh phàipearan-naidheachd agus, dà bhliadhna as dèidh sin, chaidh e gu bùird nan companaidhean rathaidean-iarainn Albannach leis a' bheachd gun tòisicheadh e air leabhraichean a reic aig na stèiseanan a bu mhotha gus airgead a dhèanamh san ùidh ùr a bha aig daoine sna rathaidean-iarainn agus sna clò-bhualaidhean leth-sgillinn. An toiseach cha d' rinneadh mòran prothaid às na fèilltean seo. Ann an 1860 bha fèilltean leabhraichean aig stèiseanan a' solarachadh 13.6% de thionndadh £27,416 a' chompanaidh, ach bha iad air leth cudromach nan suidheachadh mar àiteachan-reic

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fèill leabhraichean Iain Mhèinnearaich, Stèisean Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1910an

stèiseanan rathaidean-iarainn; bùithtean; Inbhir Nis; Iain Mèinnearach; Teàrlach Dickens; Sobieski Stiùbhart; An Cogadh Mòr

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection