Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An soitheach smùide pleadhaig 'Lovedale' aig Mac a' Bhriuthainn aig Port an t-Sròim
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_197
ÀITE
Port an t-Sròim
SGÌRE
Taobh an Iat Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11268
KEYWORDS
aiseagan
Caledonian Mac a' Bhriuthainn
rathaidean-iarainn
Malaig
Portrìgh
Caol Loch Aillse
Port an t-Sròim
Cainneal Chrìonain
Port an t-Sròim
Ìle
MacBrayne's paddle steamer 'Lovedale' at Strome Ferry

Air an 13 dhen Ghearran 1851 reic gnìomhachas luingearachd Mhaighstearan G & J Burns an cabhlach de bhàtaichean-smùide Thaobh an Iar na Gàidhealtachd do cho-chuideachd de Dhaibhidh Hutcheson, a bha air a bhith gan stiùireadh bho chionn greise, a bhràthair Alasdair, agus mac peathar/bràthar Mhaighstirean Burns, Daibhidh Mac a' Bhriuthainn. Bha ochd soithchean-smùide pleadhaig a dheidheadh gu muir aca agus dà bhàta slighe air Sligh' Uisge Chrìonain.

As dèidh dha na bràithrean Hutcheson an dreuchdan a leigeil dhiubh, thàinig Daibhidh Mac a' Bhriuthainn gu bhith na neach-seilbh leis fhèin air a' chabhlaich ann an 1878. Anns an deichead as dèidh sin chaidh ceithir soitheachan an togail don chabhlaich agus chaidh ceithir deug eile an ceannach. An an 1891 chaidh soitheach-smùide dà chrann-toiteach, dà chrannach, thar-seanaileach dhen ainm 'The Great Western' a cheannach bho Chompanaidh rathaidean-iarainn na Gàidhealtachd airson na slighe eadar Port Rìgh agus Port an t-Sròim. As dèidh leasachaidhean thàinig i air ais ann an 1893 mar shoitheach aon chrann-toiteach leis an ainm ùr 'Lovedale'. As dèidh do chidhe Phort an t-Sròim dùnadh ann an 1897, chaidh i air an t-slighe eadar Port Rìgh agus Caol Loch Aillse. Ann an 1901, sheòl an 'Lovedale' bho Phort Rìgh, taobh Chaol Loch Aillse gu cidhe ùr Mhalaig, far an do choinnich i trèana Ghlaschu. Ann an 1903 chaidh i air slighean Ìle mus deach a cur à bith a' bhliadhna as dèidh sin

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An soitheach smùide pleadhaig 'Lovedale' aig Mac a' Bhriuthainn aig Port an t-Sròim

ROS: Loch Aillse

aiseagan; Caledonian Mac a' Bhriuthainn; rathaidean-iarainn; Malaig; Portrìgh; Caol Loch Aillse; Port an t-Sròim; Cainneal Chrìonain; Port an t-Sròim; Ìle

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection