Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Àrd Shràid Inbhir Nis, 1870
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_223
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1870
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11295
KEYWORDS
Prìomh Shràid Inbhir Nis
Inverness High Street, 1870

Àrd Shràid Inbhir Nis, 1870. B' àbhaist dhan togalach a tha air an làimh dheis, air oisean na h-Àrd Shràid agus Sràid a' Chaisteil, a bhith na dhachaigh do 'Bhathar-thaigh a' Ghranndaich airson Bhreacan agus Chlò', a bha ag amas gu sònraichte air gnìomhachas an luchd-turais a bha a' sìor dhol am meud aig deireadh an 19mh linn. Thug turas na Ban-rìgh Bhictoria chun a' bhaile ann an 1873 buaidh mhòr air turasachd san sgìre.

Bhiodh coidsichean a bh' air an tarraing le eich a' stad aig Taigh-òsta an Aonaidh agus aig Taigh-òsta Chaledonian. Chaidh Taigh-òsta an Aonaidh (a thogadh ann an 1838-39) a cheannach ann an 1870 agus rinneadh Club na Gaidhealtachd dheth far am biodh luchd-gnìomh ionadail agus comhairlichean a' coinneachadh gus an deach a dhùnadh ann an 1978. Am measg nan togalaichean ainmeil eile tha 'Taigh a' Bhaile' (bho thoiseach an 18mh linn), Banca Chaledonian (1847), agus Oifis a' Phuist (stèidhichte ann bho 1844-88, an uairsin na Thaigh-Chusbainn). B'ann an seo aig an Exchange ann an 1932 a bha a' chiad solas trafaig ann an Inbhir Nis.

Tha na trì ìomhaighean snaidhte air mullach an togalaich a' riochdachadh nan Trì Buadhan - Dìlseachd, Dòchas is Carthannas. Bho 1955 tha iad air a bhith rim faicinn aig Taigh Ghraemeshall aig Tolm ann an Arcaibh, ach thatar an dòchas gum bi iad a' tilleadh a dh' Inbhir Nis a dh'aithghearr. Tha an togalach fhèin air a leagail a-nis agus tha goireas bìdh na aite

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Àrd Shràid Inbhir Nis, 1870

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1870an

Prìomh Shràid Inbhir Nis

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection