Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Roualeyn Gòrdan Cuimeanach
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_258
ÀITE
neo-aithnichte
LINN
1840an; 1850an; 1860an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11306
KEYWORDS
Roualeyn Gòrdan Cuimeanach
Uilleam Gòrdan Cuimeanach
Alltar
Baile Ghòrdain
Sealgair Leòmhann
Cille Chuimein
Roualeyn Gordon-Cumming

Rugadh Roualeyn Gòrdan Cuimeanach ann an 1820 agus bha e na mhac don Ridire Uilleam Gòrdan Cuimeanach Alltair agus Bhaile Ghòrdain. As dèidh dha crìoch a chur air fhoghlam aig Eton, thòisich e air dreuchd san arm le Eachraidh a' Mhadras sna h-Innseachan. Ach cha robh an aimsir a' còrdadh ris agus reic e a choimisean agus thòisich e air iomairt seilg. Ghabh Roualeyn còig iomairtean seilg eadar-dhealaichte os làimh fhad 's a bha e thall thairis agus choisinn e an tiotal 'Sealgair Leòmhann'.

As dèidh còig bliadhna de chuairtean dhànachd, thill e dhachaigh agus thòisich e ri a dhuaisean seilge a thaisbeanadh air feadh Bhreatainn. Ochd bliadhna mus do bhàsaich e, shuidhich e e fhèin ann an Cille Chuimein agus dh'fhosgail e talla mòr an sin, gus a chruinneachadh a thaisbeanadh do luchd-turais a bhiodh a' cleachdadh nam bàtaichean smùide air Sligh' Uisge Chaledonian. Thathar ag ràdh gum biodh Roualeyn a' coiseachd air bruachan na Sligh' Uisge nuair a bhiodh dùil ris a' bhàta smùid agus a' fàilteachadh an luchd-turais ann an làn-dheise Ghàidhealaich agus gobhar solta aige na chois. Bha e a' cosg tastan faighinn a-steach don taisbeanadh.

Chaochail e ann an Cille Chuimein air a' 24 den Mhàirt 1866, aig aois 46

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Roualeyn Gòrdan Cuimeanach

1840an; 1850an; 1860an

Roualeyn Gòrdan Cuimeanach; Uilleam Gòrdan Cuimeanach; Alltar; Baile Ghòrdain; Sealgair Leòmhann; Cille Chuimein

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection