Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgiath Allt a' Bhonnaich, 1890an
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_265
ÀITE
neo-aithnichte
LINN
1890an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11311
KEYWORDS
saor-dhìonadairean
saighdearan saor-thoileach
mailisidh
Bannockburn Shield, 1890s

Chaidh na buidhnean-airm Saor-dhìonadairean a chur air chois an toiseach mar chompanaidhean Neo-eisimeileach, agus fhuair na saor-dhìonadairean èideadh dhaibh fhèin, cha mhòr. Ann an 1861, chaidh riaghailtean an clò-bhualadh a' toirt stiùiridh air rudan mar rian agus trèanadh nan saor-dhìonadairean, agus chaidh na companaidhean an roinn ann an Cathan no Batalianan Clèireachail. Ann an 1871, thàinig iad fo smachd Achd Artaigilean Cogaidh is Ceannairc, an dèidh an toirt thairis le Rùnaire na Stàite airson Cogaidh. Ann an 1873, chaidh an t-ùghdarras a thoirt air ais do na h-Armlainn Catha, agus airson a' chiad uair chaidh an rèiteachadh gu foirmeil leis an Arm Cheangailte.

An dèidh atharraichean an Airm ann an 1881, bha iad nam pàirt dhe na rèiseamaidean ionadail. Ann an 1887-1888 bha iad nam Bataileanan Saor-thoileach taobh a-staigh nan rèiseamaidean. B'e an dleastanas a bhith a' coimhead an dèidh na dachaigh, agus cha robh aca ri dhol a-null thairis.

Thàinig na Saor-dhionadairean gu bhith nam Feachd na Sgìre aig àm nan atharraichean aig Haldane ann an 1908.
Bha iad glèidhte ri aon taobh ach bha aca ri bhith deiseil airson a dhol dhan Roinn Eòrpa, agus ann an 1914 thàinig orra an rud sin a dhèanamh agus a dhol dhan Fhraing.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgiath Allt a' Bhonnaich, 1890an

1890an

saor-dhìonadairean; saighdearan saor-thoileach; mailisidh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection