Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Buidheann B, Id Buidheann-chatha Shaor-thoileach nan Gàidheal Camshronach
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_350
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1888
LINN
1880an
CRUTHADAIR
Cook
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11337
KEYWORDS
aodach armailteach
armailt
cogaidhean
airm
arm
làmhachas
cogaidhean mòra
A' chiad Cath Saor-Dhìonadairean Rèiseamaid Chamshronaich na Ban-rìgh
Rèiseamaid Chamshronaich
Rèiseamaidean Gàidhealach
zoomable

Às dèidh Ath-leasachaidhean an Airm ann an 1881, thàinig Gunnairean Saor-thoileach na Gàidhealtachd gu bhith nam pàirt den 79mh Sgìre aig Feachd na Dùthcha agus nam pàirt chudromach de Chamshronaich na Banrigh. Thug e ùine mhòr na Gunnairean Saor-thoileach a thoirt a-steach do structar na Rèisimeide a chionn 's gun robh a' Chiad Bhuidheann-chatha de na Camshronaich air Seirbheis Thall-thairis anns a' Mhediterranean agus a chionn 's nach deach an t-Armlann Rèisimeideach a chrìochnachadh gu 1885. Cha b' ann gus a' bhliadhna 1887 a chaidh a' Bhuidheann-chatha ath-ainmeachadh mar Id Buidheann-chatha Shaor-thoileach nan Camshronach.

Bha èideadh Gunnairean Saor-thoileach Inbhir Nis diofraichte bho èideadh nan Camshronach fad iomadh bliadhna. Gus a' bhliadhna 1880, bha a tartan fhèin aig gach buidheann, le diofar chasagan liath Elcho aca cuideachd. Bho 1880 a-mach, ge-tà, is e an aon èideadh a bha orra uile le peiteagan sgàrlaid le còmhdach buidhe-bhàn agus fèileadh de thartan an Riaghaltais. Cha d'fhuair na Saor-thoilich taic sam bith bhon sporan phoblach gus èididhean a cheannach agus mar sin cha robh airgead gu leòr aig a' bhuidheann-chatha gus an èideadh ùr a cheannach oir bha iad air dìreach air èididhean den t-seann sheòrsa a cheannach. Air an adhbhar seo, cha deach èideadh nan Camshronach a chleachdadh leis a' bhuidhinn-chatha gus a' bhliadhna 1893. Nuair a chaidh an dealbh seo a thogail ann an 1888, bha a' Bhuidheann-chatha stèidhichte ann an Inbhir Nis agus bha saighdearan airson gach buidheann a' tighinn bho na sgìrean a leanas: Buidhnean A, B, C, D, Inbhir Nis, Buidheann E, An Gearasdan, Buidheann F, Ceann a' Ghiuthasaich, Buidheann G - A' Mhanachainn, Buidheann H - Port Rìgh, Buidheann I - Aird nan Saor, agus Buidheann K, Drochaid Ruaidh. Anns an dealbh seo, chithear Oifigearan agus NCOs Buidheann B, tè de na buidhnean a chaidh a thogail ann an Inbhir Nis. Ann an Ath-leasachaidhean an Airm ann an 1908, rinneadh an 4mh Buidheann-chatha (Territorial) de na Camshronaich de Ghunnairean Saor-thoileach Inbhir Nis.

(Chaidh am fiosrachadh seo a thoirt seachad le Taigh-tasgaidh Rèisimeideach nan Gàidheal, Dùn Deòrsa)

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Buidheann B, Id Buidheann-chatha Shaor-thoileach nan Gàidheal Camshronach

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1880an

aodach armailteach; armailt; cogaidhean; airm; arm; làmhachas; cogaidhean mòra; A' chiad Cath Saor-Dhìonadairean Rèiseamaid Chamshronaich na Ban-rìgh; Rèiseamaid Chamshronaich; Rèiseamaidean Gàidhealach; zoomable

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection