Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aiseag aig Port an t-Sròim
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_353
ÀITE
Port an t-Sròim
SGÌRE
Taobh an Iat Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1880an; 1890an
CRUTHADAIR
Cook
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11339
KEYWORDS
Port an t-Sròim
aiseagan
bàtaichean-aiseig
bàtaichean
lamraigean (acarsaidean mara)
cidheachan
toiteachain
soithichean-smùide
Ferry at Strome Ferry

Sealladh de chidhe Phuirt an t-Sròim a' coimhead gu tuath, gu baile Loch Carrainn. Chithear trì bàtaichean aig a' chidhe, an crann-toite a' sealltainn an t-soithich-smùide.

Bhiodh an t-aiseag a' dol tarsainn beul Loch Carrainn chun an t-Sròim, far an robh caisteal os a cionn a bha aig Clann Dhòmhnaill Ghlinne Garadh gu 1602, nuair a chaidh a sgrios le Clann MhicChoinnich Chinn Tàile. 'S ann do mhuinntir an àite fhèin bu mhotha a bha an t-aiseag a' toirt seirbheis gu 1809 nuair a thog Coimisean Rathaidean agus Dhrochaidean na Gàidhealtachd rathad a-steach air cladach a tuath Loch Carrainn gus ceangal a dhèanamh ri slighe Ach na Sìne gu Inbhir Nis. Thug an rathad deich bliadhna ri chrìochnachadh. Rè na h-ùine seo bhiodh luchd-giùlain a' phuist a' glacadh aire fear aiseag an t-Sròim le bhith a' sèideadh dùdach nuair a dh'fheumadh iad faighinn a-null.

Thug teachd an rathaid-iarainn gu Port an t-Sròim anns na 1880an meudachadh mòr air na bha de thrafaig air an aiseig. Bha am bàta-smùide an 'Great Western' a bha a-rithist fon ainm an 'Lovedale' air a cur air seirbheis puist Steòrnabhaigh bho Phort an t-Sròim rè na 1880-90an. Ach le fosgladh leudachadh loidhne an Eilein Sgitheanaich de Rathaid-iarainn na Gàidhealtachd bho Phort an t-Sròim gu Loch Aillse air an 2 dhen t-Samhainn 1897, thàinig an t-slighe seo gu bhith na àite stad mu dheas airson seirbheis a' phuist do Leòdhas. Anns na 1940an thàinig bàta na bu mhotha a b' urrainn sia càraichean a ghiùlan.

Tràth sna 1970an chaidh an seann rathad thar cladach iar-dheas Loch Carrann a leasachadh is cha robh feum tuilleadh air aiseig an t-Sròim.

Nuair a chaidh rathad a' Chaoil a dhùnadh ann am maoimean-slèibhe 2012, ge-ta, chaidh an t-aiseag a chur ann a-rithist greiseag airson luchd-siubhail, gu h-àraid clann na sgoile, gan sàbhaladh bho astar mòr rathaid a h-uile latha.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aiseag aig Port an t-Sròim

ROS: Loch Aillse

1880an; 1890an

Port an t-Sròim; aiseagan; bàtaichean-aiseig; bàtaichean; lamraigean (acarsaidean mara); cidheachan; toiteachain; soithichean-smùide

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection