Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh croite mar a bha cumanta air a' Ghàidhealtachd
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_356_XI
ÀITE
neo-aithnichte
LINN
1880an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11340
KEYWORDS
taighean croite
Na Fuadaichean
Highland Land League
Achd nan Croitearan 1886
cuibhlichean snìomh
snìomh
fearsaid
snìomh bhasgaidean
A typical croft house in the rural Highlands

Taigh croite a bha bitheanta san 19mh linn air an tuath air a' Ghàidhealtachd.

Is e tuathanasan beaga a tha ann an croitean a thàinig gu bith mar phàirt de thoradh Nam Fuadaichean. Ann an àm ath-leasachaidh san eaconamaidh, chuireadh daoine às an dachaighean gu fearann mu na cladaichean agus an àitichean eile nach robh air a chur gu feum. Dh'fhaodadh na Gàidheil a chur às an fhearann, agus dh'iarr mòran dhen fheadhainn a chaidh fhuadach barrachd fearainn. Air an adhbhar seo, thòisich iad ri gearan san 1880an agus buidheann poileataiceach air an ceann ris an canadh iad 'Highland Land League'. Sguir iad de phàigheadh màil, ghabh iad seilbh gu mì-laghail air tuathanasan chaorach, am measg rudan eile. An dèidh bliadhnaichean dhen iomairt seo, chaidh Achd nan Croitearan 1886 aontachadh leis an riaghaltas, a thug dha na croitearan còir-fearainn laghail.

Chithear bean taobh a-muigh na croite is i a' snìomh. Aig toiseach an 18mh linn chleachdadh an fhearsaid airson clòimh a shnìomh, ach an dèidh sin chuireadh a' chuidhle shnìomh na h-àite. Air an taobh dheas dhen chiad doras chithear basgaid air a dèanamh le làimh, eisimpleir de làimh-chiùird ann an coimhearsnachd croitearachd

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh croite mar a bha cumanta air a' Ghàidhealtachd

1880an

taighean croite; Na Fuadaichean; Highland Land League; Achd nan Croitearan 1886; cuibhlichean snìomh; snìomh; fearsaid; snìomh bhasgaidean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection