- TIOTAL
- Càr an Dotair
- EXTERNAL ID
- GB1796_1999_116_385
- ÀITE
- Ceiseag a Deas
- SGÌRE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- DEIT
- 1903
- LINN
- 1900an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 11366
- KEYWORDS
- càraichean
dotairean

Càr an dotair aig Ceiseag a Deas. Anns an dealbh, tha an Dràibhear Camshron is an Dotair MacNeacail (ST7); an Dotair MacGilleDhuinn (ST9); an Dràibhear MacGileBhàin is an Dotair Seòras Uilleam England MacGilleChiar (ST8).
A rèir Clàr nan carbadan motair airson Inbhir Nis, chlàr an Dotair MacGilleChiar na càraichean air an 31mh dhen Dùbhlachd 1903. 'S e 'Arrol-Johnstons', 18 leatrom is 22 leatrom a th'ann an ST 6 is 7 fa leth, agus 's e càr smùide 'Toledo', 16 leatrom, a th'ann an ST8.
Bha companaidh Arrol-Johnston fo stiùir Sir Uilleam Arrol, innleadair is neach-cùmhnantachaidh rèile. Am measg nan cùmhnantan aige bha Drochaid Fhor ann an Dùn Eideann, Drochaid an Tùir ann an Lunnainn is Drochaid an Nile ann an Cairo, còmhla ri Stèisean Smior Bhankside ann an Lunnainn, far a bheil an cruinneachadh ealain 'Tate Modern' an-diugh. B'e Seòras MacIain an t-innleadair a dhealbhaich an càr
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive