Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An 'Glengarry' air Loch Nis
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_413
ÀITE
Loch Nis
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11376
KEYWORDS
bàtaichean
Sligh' uisge Chaledonian
soithichean-bathair
aiseagan
Caledonian Mac a' Bhriuthain
lochan
The 'Glengarry' on Loch Ness

A' tòiseachadh ann an 1847, bha an 'Edinburgh Castle' (air an robh an' Glengarry' an dèidh seo) air Sligh' Uisge Chaledonian airson ceithir fichead bliadhna, a' seòladh nan 66 mìle bho Thaigh-òsta Bhainbhidh, faisg air a' Ghearastan, tro Shligh' Uisge Chaledonian a' ceangal Loch Lochaidh, Loch Omhaich agus Loch Nis ris an Dabhaich Gharbhaich, beagan a deas air Inbhir Nis. Chaidh a togail ann an 1844 agus chaidh a reic ri gnìomhachas mòr Seòlaidh Mhaighstearan G & J Burns ann an 1846.

Air an 13mh dhen Ghearran 1851 reic gnìomhachas luingearachd Mhaighstearan G & J Burns cabhlach bàtaichean-smùide Thaobh an Iar na Gàidhealtachd ri co-bhanntachd Dhaibhidh Hutcheson, a bha air a bhith ga stiùireadh bho chionn greise, a bhràthair Alasdair, agus mac peathar/bràthar Mhaighstearan Burns, Daibhidh Mac a' Bhriuthainn. Bha ochd soithchean-smùide pleadhaig a dheidheadh gu muir aca agus dà bhàta slighe air Sligh' Uisge Chrìonain.

Ri linn mar a shoirbhich le slighe Bhainbhidh gu Inbhir Nis, thugadh a-steach bàta eile, an 'Gondolier' ann an 1866, agus bha I air a dealbh a dh' aon ghnothaich airson a bhith ag obrachadh a-mach agus a-steach à amaran-glasaidh air sligh' uisge. Sna 1870an chaidh an 'Edinbugh Castle' a dhèanamh na b' fhaide, chaidh sailiùnan a chur innte agus thugadh an t-ainm ùr 'Glengarry' oirre. Bha àireamh an luchd-siubhail, a' bhathair agus a' phuist a' sìor fhàs agus b'fheudar an treasamh bàta a thoirt a-steach ann an 1877. Bho 1895 chaidh an 'Glengarry' a cur air slighe-puist Loch Nis, bho Chille Chuimein gu Inbhir Nis, far an do dh'fhuirich I gus an do rinn I an turas mu dheireadh air an 29mh dhen Damhair 1927 agus chaidh a briseadh trì miosan as dèidh sin. Aig 83, b'i am bàta-smùide a bu shine a bh'air an t-saoghal

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An 'Glengarry' air Loch Nis

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

bàtaichean; Sligh' uisge Chaledonian; soithichean-bathair; aiseagan; Caledonian Mac a' Bhriuthain; lochan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection