Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
SS 'Glengarry'
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_416
ÀITE
Cille Chuimein
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh
LINN
1890an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11379
KEYWORDS
bàtaichean
Sligh' uisge Chaledonian
soithichean-bathair
aiseagan
Caledonian Mac a' Bhriuthain
Sligh' uisge Chrìonain
lochan
SS 'Glengarry'

A' tòiseachadh ann an 1847, shaothraich an 'Edinburgh Castle' (air an robh an' Glengarry' a-rithist) Cainneal Chaledonian airson ceithir fichead bliadhna, a' seòladh an 66 mìle bho Thaigh-òsda Bhainbhidh, faisg air a' Ghearasdan, tro Chainneal Chaledonian a' ceangal Loch Lochaidh, Loch Omhaich agus Loch Nis ris an Dabhaich Gharbhaich, beagan a deas air Inbhirnis. Chaidh a togail ann an 1844 agus chaidh a reic ri gnìomhachais mòr Seòlaidh Mhaighstearan G & J Burns ann an 1846.

Air an 13mh dhen Ghearran 1851 reic gnìomhachas luingearachd Mhaighstearan G & J Burns cabhlach bàtaichean-smùide Thaobh an Iar na Gàidhealtachd ri co-bhanntachd Dhaibhidh Hutcheson, a bha air a bhith ga stiùireadh bho chionn greise, a bhràthair Alasdair, agus mac peathar/bràthar Mhaighstearan Burns, Daibhidh Mac a' Bhriuthainn. Bha ochd soithchean-smùide pleadhaig a dheidheadh gu muir aca agus dà bhàta slighe air Sligh' Uisge Chrìonain.

Air an 13 den Ghearran 1851 reic gnìomhachas luingearachd Mhaighstearan G & J Burns an cabhlach de bhàtaichean-smùide Thaobh an Iar na Gaidhealtachd do cho-chuideachd de Dhaibhidh Hutcheson, a bha air a bhith ga stiùireadh bho chionn greise, a bhràthair Alasdair, agus mac peathar/bràthar Mhaighstearan Burns, Daibhidh Mac a' Bhriuthainn. Bha ochd soithchean-smùide pleadhaig a dheidheadh gu muir aca agus dà bhàta slighe air Sligh' Uisge Chrìonain.

Ri linn mar a shoirbhich le slighe Bhainbhidh gu Inbhir Nis, thugadh a-steach bàta eile, an 'Gondolier' ann an 1866, agus bha I air a dealbh a dh' aon ghnothaich airson a bhith ag obrachadh a-mach agus a-steach à amaran-glasaidh air sligh' uisge. Sna 1870an chaidh an 'Edinbugh Castle' a dhèanamh na b' fhaide, chaidh sailiùnan a chur innte agus thugadh an t-ainm ùr 'Glengarry' oirre. Bha àireamh an luchd-siubhail, a' bhathair agus a' phuist a' sìor fhàs agus b'fheudar an treasamh bàta a thoirt a-steach ann an 1877. Bho 1895 chaidh an 'Glengarry' a cur air slighe-puist Loch Nis, bho Chille Chuimein gu Inbhir Nis, far an do dh'fhuirich I gus an do rinn I an turas mu dheireadh air an 29mh dhen Damhair 1927 agus chaidh a briseadh trì miosan as dèidh sin. Aig 83, b'i am bàta-smùide a bu shine a bh'air an t-saoghal

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

SS 'Glengarry'

INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh

1890an

bàtaichean; Sligh' uisge Chaledonian; soithichean-bathair; aiseagan; Caledonian Mac a' Bhriuthain; Sligh' uisge Chrìonain; lochan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection