Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Inbhir Nis agus Abhainn Nis
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_428
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11388
KEYWORDS
caistealan
taighean-cùirte
prìosain
aibhnichean
cathair-eaglaisean
Màiri, Bàn0righ na h-Alba
am Prionnsa Teàrlach
Inverness Castle and River Ness

Sealladh de Chaisteal Inbhir Nis agus Abhainn Nis bho Rathad Chùil Daothail.

Tha caisteal air a bhith air an làraich seo bhon 12mh linn. Anns na 500 bliadhna as dèidh seo chaidh a sgrios agus ath-thogail grunn uairean. Ann an 1163 rinn Maolcolm IV Maor-sìth oighreachail Chaisteal Inbhir Nis de Sheadha MacDhubhaich, dàrna mac a' 5mh Iarla Fiobha. Thugadh smachd a' chaisteil do Bhaliol ann an 1292 ach, as dèidh do chogadh briseadh ann an 1296, chaidh a ghabhail thairis le arm Eideird I Shasainn. Chaidh ath-ghlacadh le Anndra de Moray ri linn Cogaidhean na Saorsa, agus chaidh a ghlacadh a-rithist le na Sasannaich gus an deach a thoirt air ais le Bruce a dh' òrdaich a leagail.
Mu dheireadh a' 14mh linn chaidh caisteal ùr a thogail air an làraich ach chaidh a sgrios le Dòmhnall, Triath nan Eilean, ann an 1411. Bliadhna an dèidh sin thòisich Alasdair Stiùbhart, Iarla Mhàirr air ath-thogail. Bha an caisteal air a ghabhail thairis le òrdugh Eideird IV ann an 1463. Chaidh ath-ghlacadh le Alasdair MacDhòmhnaill Loch Aillse ann an 1491. Ann an 1508 bha Iarla Hunndaidh air òrdachadh mar Mhaor-dearg Dualach Inbhir Nis agus mar Riaghladair a' Chaisteil. Ann an 1562 nuair a thàinig Màiri, Bàn-righ na h-Alba a dh' Inbhir Nis chaidh cead faighinn a-steach don chaisteal a dhiùltadh dhi le Alasdair Gòrdanach, neach-tagraidh Hunndaidh. Mu dheireadh chaidh aig na feachdan aice air làmh an uachdair fhaighinn air an luchd-dìon agus chaidh an Gòrdanach a chrochadh. Chaidh a chreachadh, ged nach deach a ghabhail thairis, le Diùc Mhontròsa ann an 1643 agus, ceithir bliadhna as dèidh sin, chaidh a ghlacadh le Feachdan Rìoghail. Chaidh an caisteal a dhìth gus an deach a leasachadh ann an 1715 le feachdan a bha dìleas do Dheòrsa I airson a bhith na àite tèarainte an aghaidh nan Seumasach. Thàinig an eachdraidh bhuaireasach seo gu h-àirde ann an 1746 nuair a dh'òrdaich Teàrlach Eideard Stiùbhart a sgrios. Bha tobhta air an làraich gu 1833.

Tha ceann a deas caisteal an latha an-diugh, an taigh-cùirte, a' dol air ais gu 1833-6 agus chaidh an roinn a tuath a chur ris mar phrìosan ann an 1848. Ann an 1901, as dèidh prìosan Phorterfield a thogail, thàinig an roinn sin dhen chaisteal gu bhith na phrìomh-oifis do Phoilis Siorrachd Inbhir Nis agus thàinig an taigh-cùirte gu bhith na Sheòmar Comhairle do Chomhairle Siorrachd Inbhir Nis. As dèidh ath-eagrachaidh an riaghaltais ionadail sna 1970an thàinig e gu bhith na Sheòmar-cùirte don Sgìre

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Inbhir Nis agus Abhainn Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

caistealan; taighean-cùirte; prìosain; aibhnichean; cathair-eaglaisean; Màiri, Bàn0righ na h-Alba; am Prionnsa Teàrlach

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection