Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dealbh de Dhuine-uasal Gàidhealach/Pìobaire ann an làn deise
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_431
ÀITE
neo-aithnichte
LINN
1850an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11391
KEYWORDS
deise Ghàidhealach
pìobaireachd
Pìobairean Mhic Cruimein
Illustration of a Highland Gentleman/Piper in full dress

As dèidh Ar-a-mach mu dheireadh nan Seumasach thug sreath de dh' Achdan Pàrlamaid ionnsaigh air dualchas na Gàidhealtachd le toirmeasg an èididh Ghàidhealaich agus cluiche na pìoba.

Tha an deise Ghàidhealach riamh air a bhith gu mòr an comain an airm agus b' iad na rèisimeidean Gàidhealach a chum am fèileadh agus am breacan beò gu 1782, nuair a chaidh an ceadachadh a-rithist. Ron àm sin chan fhaodadh Albannaich breacan sam bith a chur orra ach a-mhàin nam biodh iad ann an seirbheis Arm Bhreatainn. Dh'fhaodadh pìobairean am fèileadh a chur orra, ach mar bu trice b' ann an dath na rèisimeid.

Na chruth tùsail, b'e bad-aodaich gu math sìmplidh a bha san fhèileadh, nach fheumadh tàillearachd no càradh, mar a dh'fheumadh briogais. Bha breacan na phìos aodaich de dhà meatair de leud agus de cheithir no còig meatairean de dh'fhaid. Bha seo air ainmeachadh mar Breacan, am Fèileadh Breacain agus am Fèileadh Mòr. Bha am Fèileadh Mòr no am 'Big Kilt' sa Bheurla mar bu trice a' ciallachadh plaide le crios air. Bha mòran bhuannachdan sa phlaide-chrios ann an aimsir agus talamh na Gàidhealtachd. Bha e furasta gluasad leis, bha e blàth, dh'fhaodadh am pìos àrd dheth a bhith na chleoca mòr dìonach an aghaidh na sìde, thioramaicheadh e gu luath agus le fada na bu lugha de mhì-chomhfhartachd na briogais agus, nam feumaist, le bhith a' toirt dheth a' chrios, dhèanadh e deagh phlaide oidhche. Bha an clò a bh' air a dhlùth-fhighe cha mhòr gu tur dìonach air uisge, rud nas eil clò an latha an-diugh a th' air fhighe nas fharsainge. Nuair a bhiodh feum air mòr-shaorsa gluasaid, bha e furasta a chur dhiot agus tha aon bhlàr cinnidh ainmeil ann, eadar na Frisealaich, na Dòmhnallaich agus na Camshronaich ann an 1544 air ainmeachadh mar 'Blàr na Lèine'.

Thathar an dùil gun robhar a' cluiche na pìoba san t-seann Eiphit. Chan eil eachdraidh na pìoba an Alba idir soilleir. Tha feadhainn dhen bheachd gun tàinig iad a-steach ri linn nan Ròmanach. Tha cuid eile ag ràdh gun tàinig iad à Eirinn ri linn eilthireachd. Cha robh aig a'chiad phìoban ann an Alba ach aon dos. Chaidh an dàrna dos a chur riutha ann am meadhan no deireadh nan 1500an. Thàinig an treas dos no an 'Dos Mòr' tràth sna 1700an.

A' toiseachadh le Iain Odhar, a bha beò am meadhan an t-16mh linn, bha teaghlach MhicCruimein nam meadhan air àrdachadh cliù na pìoba. 'S e pìobaireachd a th' air a' cheòl seo. Bha tiotalan phìobairean nan cinnidhean, mar bu trice, dualach agus bhathar a' toirt mòran spèis dhaibh. B' iad Clann MhicCruimein a b'ainmeile, 's bha iadsan nam pìobairean do MhacLeòid Dùn Bheagain; bha Clann MhicArtair nam pìobairean do MhacDhòmhnaill nan Eilean; bha Clann MhicCaoidh nam pìobairean do Chlann MhicChoinnich; bha Clann MhicFhraing nam pìobairean do MhacGilleathain Dhubhairt

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dealbh de Dhuine-uasal Gàidhealach/Pìobaire ann an làn deise

1850an

deise Ghàidhealach; pìobaireachd; Pìobairean Mhic Cruimein

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection