Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dealbh de Chathair-eaglais Naoimh Anndra, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_433
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11393
KEYWORDS
cathair-eaglaisean
Easbaigeach
Alasdair Ros
Illustration of St Andrew's Cathedral, Inverness

Thagh clèir sgìr'-easbaig Mhoiribh agus Rois Raibeart Eden mar Easbaig ann an 1851. Airson a' chiad dà bhliadhna dhen dreuchd aige bha e an urra ris a' choithional an Eilginn mus do dh'fhosgail e am 'Bishop's Mission Chapel' ann an Inbhir Nis. Thòisich seirbheisean ann an sgoil ùir nan nigheanan ann an Sràid an Acadamaidh gus an tàinig togalach air taobh an ear na h-aibhne gu bhith na Chaibeal Misean. Ann an 1865 bha an coithional air fàs ro mhòr airson a' chaibeil aca agus dh'aontaich iad, san Fhaoilleach 1866, ri moladh an easbaig gus cathair-eaglais ùr a thogail.

Thugadh coimisean do dh'Alasdair Ros, ailtire òg a bha sa choithional, airson dealbh ullachadh. Cha deach planaichean an Rosaich an cur an gnìomh gu lèir air sgàth cion airgid. Chaidh a' chiad chlach dhen Chathair-eaglais a leagail le Dr Charles Longley, Àrd-easbaig Chanterbury, air an t-17mh dhen Damhair 1866. B'e seo a' chiad ghnìomh oifigeil a rinn Prìomhaid Sasannach ann an Alba o chaidh Clèireachdas a stèidheachadh. Chaidh a' Chathair-eaglais fhosgladh air a' 1 dhen t-Sultainn 1869. 'S e Easbaig Oxford agus Easbaig Rochester a bha os cionn an t-searmoin. Tha an t-astar a shiubhail an dithis a' sealltainn na spèis a bha aca do dh'Easbaig Eden.

Chosg a' Chathair-eaglais £15,106 0 4¾d ga togail. Cha robh seo a' cunntas na glainne dhathte no an t-organ. Bha fiachan £6,835 air an togalach nuair a dh'fhosgail e. Chan urrainn eaglais a bhith air a coisrigeadh fhad 's a tha fiachan oirre. Ach an taobh a-staigh de chòig bliadhna bha iad air airgead gu leòr a thogail. Choisrig Easbaig Eden a' Chathair-eaglais air an 29mh dhen t-Sultainn 1874. B'e seo a' chiad Chathair-eaglais ùr a thogadh agus a choisrigeadh ann an Alba o Linn an Ath-leasachaidh

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dealbh de Chathair-eaglais Naoimh Anndra, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

cathair-eaglaisean; Easbaigeach; Alasdair Ros

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection