Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Urchadain, Sròn a' Chaisteil, Loch Nis
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_442
ÀITE
Druim na Drochaid
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11400
KEYWORDS
caistealan
tachartasan chinnidhean
Urquhart Castle, Strone Point, Loch Ness

Tha clàran-sgrìobhte ann bhon 13mh linn ag innse gun robh caisteal air an làraich seo.

Ann an 1228 dh'èirich muinntir Mhoireibh an aghaidh ùghdarras an Rìgh Alasdair II (1198-1249). Ann an 1230 bha e air an aramach a chur fodha agus rinn e a chliamhainn, Ailean Durward, mar Mhorair air Urchadan. Tha e cha mhòr cinnteach gu bheil na pìosan as tràithe dhen chaisteal a' dol air ais gu linn-san. As dèidh a bhàis ann an 1275, thàinig Iain Comyn a-steach air a' chaisteal, òrduichte le Eideard I Shasainn. As dèidh dha call iomadh turas, thrèig Iain Balliol (1250-1296) a Rìgh-chathair, agus thàinig mòran de dh' Alba agus na caistealan, Urchadan nam measg, fo smachd Eideird. Bha sealbh a' chaisteil a' dol air ais agus air adhart eadar Iarlan Mhoireibh (air sgàth Eideird) agus Crùn na h-Alba.

Cha robh eachdraidh a' chaisteil càil na bu mhì-bhuaireasaiche eadar deireadh a' 14mh agus an t- 16mh linn nuair a dh'fheuch Clann Dòmhnaill, Triathan nan Eilean, grunn uairean (cuid dhiubh soirbheachail) ris a' chaisteal a ghlacadh bho Ghranndaich Fhraochaidh, a bha a' toirt an aire air a' chaisteal do Ghòrdanaich Hunndaidh. Mu dheireadh, ann an 1691, as dèidh dà bhliadhna a chur seachad a' bualadh air ais air feachd a bha a' toirt taic don Rìgh Seumas VII agus II, a bha air fògradh, bha an caisteal air a chur na smàl le gearastan Cuigseach airson nach b' urrainn dha bhith air a chleachdadh le na Seumasaich. Tha an tobhta a-nis fo chùraim Alba Eachdraidheil

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Urchadain, Sròn a' Chaisteil, Loch Nis

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

caistealan; tachartasan chinnidhean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection