- TIOTAL
- Members of the London Scottish Regiment
- EXTERNAL ID
- GB1796_1999_116_535_XI
- ÀITE
- neo-aithnichte
- DEIT
- 1906
- LINN
- 1900an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 11403
- KEYWORDS
- Rèiseamaid Albannach Lunnainn
Na Gòrdanaich

Ann an 1859 phàigh Comann Gàidhealach Lunnainn agus Comann Albannach Lunnainn airson Buidheann Saor-thoileach nan Gunnaichean a stèidheachadh. Air an ceann bha Fo-cheannard Còirneal, Iarla Elcho, a thàinig an uairsin gu bhith na Iarla Wemyss (Earl Wemyss agus March). Cho-dhùin e an cur ann an èideadh glas air sgàth nach biodh buaireadh ann mu thartain nan cinnidhean. Aig àm Cogadh Afraga a Deas chuir an Rèiseamaid saighdearan saor thoileach a shabaid còmhla ri na Gòrdanaich. Tha an t-urram "Afraga a Deas 1900-1902 air suaicheantas Rèiseamaid Albannach Lunnainn.
Rè a' chiad chogaidh b'e a' chiad Bhuidheann-catha de dh'Albannaich Lunnainn a' chiad Bhuidheann-catha de shaighdearan coise a chaidh a shabaid ri na Gearmailtich ann am Messines air an 31mh dhen Damhair 1914. Bha iad a'sabaid san Fhraing agus ann am Flanders fad a' chogaidh. Chaidh an dara Buidheann-catha a-null thairis ann an 1916. Bha iad san Fhraing, anns na Balcans agus ann am Palestine. Bha iad an làthair nuair a ghlacadh Ierusalem air an 9mh dhen Dubhlachd 1917.
Aig àm an dàrna cogaidh chaidh a'chiad Bhuidheann-catha còmhla ris an 8mh roinn airm a dh' Afraga a Tuath agus bha iad an sàs nuair a chaidh iad a-steach a Shisilidh agus an uair a bhathas a' strì ri na h-Eadailtich. Mu dheireadh bha iad mar phàirt dhen Arm a bha stèidhiche ann an Treiste. 'S ann ag amas air itealain a bha an trìtheamh Baiteailean. An dèidh a bhith ann am Blàr Bhreatainn a' dìon Lunnainn bho itealain cogaidh, chaidh iad a shabaid ann an Sisilidh agus anns an Eadailt, gu math tric mar Làmhachas Blàir .
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive