Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eisimpleir de 'thaigh dubh' air an tuath air a' Ghàidhealtachd
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_559_XI
ÀITE
neo-aithnichte
LINN
1880an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11405
KEYWORDS
taighean dubha
àitean-còmhnaidh
taighean tughaidh
An example of a 'black house' in the rural Highlands

Eisimpleir de 'thaigh dubh' air a' Ghàidhealtachd dhùthchail anns na 1880an.

Thàinig am briathar 'taigh dubh' bhon fhacal 'dubh' agus 'tughadh' a tha coltach ri chèile nam fuaimneachadh. B' e àitean-còmhnaidh sìmplidh a bha sna 'taighean dubha', air an togail airson an luchd-còmhnaidh a dhìon bho shìde chruaidh. Ann an deagh shìde, b' àbhaist dha na daoine bhith a' fuireach a-muigh. Bha na taighean tughaidh seo rim faotainn eadar Innse Gall is Siorrachd Pheairt, agus fhuaradh atharrachaidhean ionadail a rèir na h-acfhainn togail a bha ri fhaotainn. Chleachdadh feur, fraoch, eòrna no muran airson an tughaidh. Chuireadh teine air meadhan an làir airson barrachd teas a thoirt dhan teaghlach.

Ged a bha na taighean dubha gnìomhach, bha na Gàidheil dèidheil air càirdeas agus bu tric a bha cèilidhean mun teine mhòna. Cha robh iad a' glasadh nan dorsan, a chionn 's gun robh iad a' creidsinn gum bu chòir dhaibh fàilte a chur air coigrich. Bha iuchair dorais ceangailte ri neo-fhialaidheachd agus spìocaireachd

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eisimpleir de 'thaigh dubh' air an tuath air a' Ghàidhealtachd

1880an

taighean dubha; àitean-còmhnaidh; taighean tughaidh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection