Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_660
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11407
KEYWORDS
Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart
Seumas Francis Eideard Stiùbhart
Rìgh Semas VII Alba
Rìgh Seumas II Shasainn
an Seann Tagraiche
an Tagraiche Òg
Aramach nan Seumasach
Arm nan Seumasach
Blàr Chùil Lodair
Monadh Chùil Lodair
Arm an Riaghaltais
Prince Charles Edward Stuart

Dealbh-camara de dh' ìomhaigh a' Phrionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart, a rugadh san Ròimh air a' 31mh dhen Dùbhlachd 1720. B'e mac Sheumais Francis Eideard, 'An Seann Tagraiche', agus ogha Rìgh Seumas VII Alba agus II Shasainn, a chaidh a chur à inbhe.

As dèidh oidhirp mhì-shoirbheachail athar, gus an rìgh-chathair fhaotainn air ais do na Stiùbhartaich, stiùir am Prionnsa Teàrlach, a dh'aithnichear mar 'An Tagraiche Òg' an darna Aramach dha na Seumasaich ann an 1745. Chaidh aig arm nan Seumasach air Derby ann an Sasainn a ruigsinn, mus do thill iad dhan Ghàidhealtachd, ach thàinig adhbhar nan Stiùbhartach gu crìch aithghearr aig Blàr Chùil Lodair, air a' 15mh dhen Ghiblean, 1746.
Thàinig na Seumasaich agus arm an Riaghaltais aghaidh ri aghaidh air pìos talmhainn còmhnard dam b'ainm Monadh Chùil Lodair, àite a bha gu math mì-fhreagarrach airson dòigh sabaid nan Albannach, ach air leth freagarrach airson làmhachas an taoibh eile. Ann am batal nach do mhair uair a thìde, chaidh buaidh a thoirt air Arm nan Seumasach.

As dèidh a' bhlàir, theich am Prionnsa Teàrlach dhan Fhraing, le cuideachadh bho Fhionnghal NicDhòmhnaill. Chuir e an còrr dhe bheatha seachad mar fhògarrach agus bhàsaich e san Ròimh ann an 1788.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart; Seumas Francis Eideard Stiùbhart; Rìgh Semas VII Alba; Rìgh Seumas II Shasainn; an Seann Tagraiche; an Tagraiche Òg; Aramach nan Seumasach; Arm nan Seumasach; Blàr Chùil Lodair; Monadh Chùil Lodair; Arm an Riaghaltais

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection (illustrations)