Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ìomhaigh de Dhiùc Chumberland
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_676
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
CRUTHADAIR
John Faber
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11419
KEYWORDS
Diùc Chumberland
Uilleam Augustus Hanabhar
Seòras III
Blàr Fontenoy
Aramach nan Seumasach
Teàrlach Eideard Stùbhart
Am Prionnsa Bòidheach Teàrlach
Seumasaich
Am Bùidsear
Blàr Chùil Lodair
Monadh Chùil Lodair
Image of The Duke of Cumberland

Dealbh-camara de dh'ìomhaigh de Dhiùc Chumberland. Rugadh Uilleam Augustus Hanobhar, Diùc Chumberland, ann an Lunnainn air a' 15mh dhen Ghiblean 1721. B' e bràthair a bh' ann do Fhrederick, Prionnsa na Cuimrigh, agus bràthair athar do Sheòras III.

As dèidh dha call gu trom aig Blàr Fontenoy air an 11mh dhen Cheitean 1745, chaidh Cumberland a ghairm air ais a Shasainn gus stad a chur air Aramach nan Seumasach, a bha air a stiùireadh le Teàrlach Eideard Stiùbhart, ogha an Rìgh Seumas II, a chaidh a chur às inbhe. Fhuair arm Chumberland buaidh air na Seumasaich aig Blàr Chùil lodair, air an t-16mh dhen Ghiblean, 1746. Ann am blàr nach do mhair uair a thìde, chaidh còrr is mìle saighdear Seumasach a mharbhadh, agus chailleadh dòchas sam bith air an rìgh-chathair a bhuannachadh air ais. Dh'fhan Cumberland ann an Alba mu thrì mìosan as dèidh a' bhlàir, a' cruinneachadh còrr is trì mìle duine agus a' marbhadh còrr is ceud. Bha feachdan an Diùc a' marbhadh nan Gàidheal, gun aire do dh'aois no gnè. Chaidh taighean a losgadh agus chaidh losgadh orrasan a bha leòinte. B'ann le na h-uabhasan seo a choisinn an Diùc am far-ainm 'am Bùidsear'

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ìomhaigh de Dhiùc Chumberland

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

Diùc Chumberland; Uilleam Augustus Hanabhar; Seòras III; Blàr Fontenoy; Aramach nan Seumasach; Teàrlach Eideard Stùbhart; Am Prionnsa Bòidheach Teàrlach; Seumasaich; Am Bùidsear; Blàr Chùil Lodair; Monadh Chùil Lodair

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection (illustrations)