Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Einnsean àireamh 2, 'Aldourie', aig Àit-obrach Lochghuirm, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_711
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1890an; 1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11440
KEYWORDS
Rathaidean-iarainn na Gàidhealtachd
Àite-obrach innealan-siubhail Lochghuirm
trèanaichean-smùide
Linn nan Rathaidean-iarainn
Inbhir Nis
taigh-cruinn
bùithtean-obrach
Rathad-iarainn Inbhirnis agus Siorrachd Rois
Engine no. 2, 'Aldourie', at Lochgorm Works, Inverness

Einnsean Rathaidean-iarainn na Gaidhealtachd àireamh 2, ris an canadh 'Aldourie', taobh a-muigh seata glèidhidh aig Àit-obrach Lochghuirm ann an Inbhir Nis. Mhair an t-einnsean seo gu 1899.

Le teachd Linn nan Rathaidean-iarainn chun na Gàidhealtachd thàinig meudachadh ann an àireamh an t-sluaigh agus ann am malairt. B'e slighe Inbhir Nis gu Inbhir Nàrann a' chiad loidhne rathaid-iarainn a dh'fhosgail air a' 5mh dhen t-Samhain 1855 agus thàinig leudachadh eile gu luath as dèidh sin. Ann an 1858 rinneadh ceangal le lìon Mòr Ceann a Tuath Alba, agus dh'fhosgladh an loidhne bho Inbhir Nis gu Baile Cheith.Thàinig cruthachadh Rathad-iarainn Inbhir Nis agus Siorrachd-Rois ann an 1862, agus Ceangal Rathad-iarainn Pheairt agus Rois ann an 1863.

Anns an Iuchar 1865, thàinig companaidhean nan rathaidean-iarainn còmhla gus Companaidh Rathaidean-iarainn na Gàidhealtachd a chruthachadh le bhùithean-obrach agus a' phrìomh àit-obrach suidhichte ann an Inbhir Nis. Bha bùithean-obrach Innealan-siubhail Lochghuirm, a thogadh ann an 1864, a' gabhail a-steach grunn thogalaichean eadar-dhealaichte, nam measg bùithtean innealan, bùth togail agus taigh-cruinn anns an robh bùird-tionndaidh mhòra airson gum b'urrainn do dh'einnseanan a bhith air an gluasad gu luath. Rinn an t-àit'-obrach mòran einnseanan-smùide le ainmean ionadail leithid 'Clachnacuddin' agus 'Strathpeffer'. Chum iad rompa nam bùithtean-obrach do Rathaidean-iarainn na Gàidhealtachd gu 1923, nuair a chaidh an companaidh còmhla ri London Midland agus Rathaidean-iarainn Alba

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Einnsean àireamh 2, 'Aldourie', aig Àit-obrach Lochghuirm, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1890an; 1900an

Rathaidean-iarainn na Gàidhealtachd; Àite-obrach innealan-siubhail Lochghuirm; trèanaichean-smùide; Linn nan Rathaidean-iarainn; Inbhir Nis; taigh-cruinn; bùithtean-obrach; Rathad-iarainn Inbhirnis agus Siorrachd Rois;

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection