Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tobar nan Seachd Ceann, deas air Inbhir Garadh
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_714
ÀITE
Inbhir Garadh
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11442
KEYWORDS
Tobar nan Seachd Ceann
Tobar nan Ceann
Inbhir Garadh
Còirneal Mac Dhòmhnaill Mhic Alasdair Ghlinne Garadh
carraighean-cuimhne
liagain
fuarain
tobraichean
The Well of the Seven Heads, south of Invergarry

Lorgar Tobar nan Seachd Ceann 1.8 cilemeatair a deas air Inbhir Garadh, ri cladach an iar Loch Omhaich. Air a thogail le Còirneal MacDhòmhnaill Mhic Alasdair Ghlinne Garadh ann an 1812, tha an liagan a chithear san dealbh os cionn an tobair, agus tha e na chuimhneachan air eachdraidh oillteil.

Ann an 1663, chaidh dithis mhac le Ceann-cinnidh Chloinn Dòmhaill Mhic Alasdair am murt ann an connspaid eadar bràthair athar no màthar agus a shianar mhac. Chaidh bàs nam murtairean òrdanachadh mar dhìoghaltas airson na h-eucoir, agus thàinig trì fichead duine gu taigh nan seachdnar, gus an cur gu bàs. Chaidh na cinn a thoirt far na cuirp, agus chaidh an nighe anns an fhuaran seo mus deach an toirt chun a' Cheann-cinnidh ann an Inbhir Garadh. Riamh bhon a thachair seo, thathar a' gabhail 'Tobar nan Ceann' air an fhuaran seo.

Tha an sgrìobhadh Gàidhlig a chithear air beulaibh an liagain, ag innse sgeulachd an tobair, agus air mullach a' charraigh-cuimhne tha ìomhaigh de sheachd cinn nam murtairean

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tobar nan Seachd Ceann, deas air Inbhir Garadh

INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig

Tobar nan Seachd Ceann; Tobar nan Ceann; Inbhir Garadh; Còirneal Mac Dhòmhnaill Mhic Alasdair Ghlinne Garadh; carraighean-cuimhne; liagain; fuarain; tobraichean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection