Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh de Hiort, bho ghàradh a' mhinisteir
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_715
ÀITE
Hiort
SGÌRE
Na Hearadh
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Na Hearadh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11444
KEYWORDS
Hiort
Innse Gall
Dùn
Hiort
Sòdhaigh
Boraraigh
Niall Mac Coinnich
fàsachadh
neadachadh eòin-mhara
eòin-mhara
View of St. Kilda, from the minister's garden

Sealladh de Hiort, bho ghàradh a' mhinisteir.
'S e Hiort an t-àite as iomallaiche anns na h-Eileanan Breatannach agus tha e na cheithir eileanan - an Dùn, Hiort, Sòdhaigh agus Boraraigh. Suidhichte ann an Eileanan Siar na h-Alba, tha am baile anns an dealbh air prìomh eilean Hiort. Air a dhealbh leis a' Mhinistear Niall MacCoinnich, anns na 1830an, ghabh an tuineachadh cumadh cearcall thaighean, leis a' Mhansa agus an Eaglais shìos ris a' chladach. Thogadh na taighean a b' ùire san dealbh anns na 1860an an àite nan seann taighean tughaidh, a thàinig gu bhith air an cleachdadh mar shaibhlean agus mar bhàthchannan airson a' chruidh.

Le glè bheag de ghnothaich ri tìr-mhòr gu meadhan an naoidheamh linn deug, bha na h-eileanaich fèin-fhoghainteach, a' pàigheadh an cuid màil le toradh na talmhainn leithid coirce, eòrna, iasg agus eòin-mhara. Seach nach robh rathaidean air Hiort, bha an toradh air a ghiùlan air druim nan eileanach agus bhiodh iad a' cleachdadh bhàtaichean beaga gus a dhol eadar na h-eileanan. Aig meadhan an naoidheamh linn deug, bha barrachd gnothaich aca ri tìr-mòr agus nuair a thòisich cuairtean sàmhraidh chun an eilein, thòisich luchd-turais a' tadhal air Hiort. Bha am barrachd gnothaich a bh' aca ri tìr-mòr gus am mustar a lughdachadh beag air bheag, agus thòisich na h-eileanaich ri bhith an crochadh air biadh agus connadh a bha a' tighinn a-steach thuca. Ann an 1852 rinn 36 eileanach imrich a dh'Astràilia, agus leis an seo thòisich àireamh an t-sluaigh ri dhol sìos. Ann an 1930, agus na h-eileanaich a' faireachdainn na b'iomallaiche na bha iad riamh bhon t-saoghal a-muigh, bha an fheadhainn mu dheireadh dhiubh air an toirt gu tìr-mòr len toil fhèin.
An-diugh 's e Hiort an t-àite neadachaidh as cudromaiche do dh'eòin-mhara a tha san Roinn Eòrpa, agus chithear fhathast cumadh baile an naoidheamh linn deug

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh de Hiort, bho ghàradh a' mhinisteir

INBHIR NIS: Na Hearadh

Hiort; Innse Gall; Dùn; Hiort; Sòdhaigh; Boraraigh; Niall Mac Coinnich; fàsachadh; neadachadh eòin-mhara; eòin-mhara

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection