Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tùr Fharabraoin
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_720
ÀITE
Farabraon
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Urrath
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11446
KEYWORDS
Tùr Fharabraoin
Murchadh Mac Coinnich
Coinneach Mac Coinnich
Coinneach Odhar
Clann Mhic Coinnich Fharabraoin
fàisneachdan
Fairburn Tower

Tha Tùr Fharabraoin 6 cilemeatair an iar thuath air a' Bhlàr Dhubh, air druim eadar glinn Orthainn agus Drochaid Sguideil. Chaidh a thogail mu na 1540an, dh'fhaoidte do Mhurchadh MacCoinnich, as dèidh dha bann-sgrìobhte fhaighinn airson na talmhainn, leis a' chòrdadh gun togadh e taigh ann. Ged nach eil an tùr a' còmhdach ach 8.2 meatair agus 7.9 meatair, tha còig ùrlaran de dh'àirde ann. Bhiodh am fiosaiche ainmeil Gàidhealach, ris an canar 'Coinneach Odhar', a' fàisneachd mu Chloinn MhicChoinnich Fharabraoin agus an tùr;

"Thig an latha nuair a chailleas Clann MhicCoinnich Fharabraoin an cuid seilbh air fad; bidh an caisteal falamh agus breithidh mart laogh ann an seòmar-mullaich an tùir."
Ann an 1851 bha an tùr, a bha a-nis na thobhta, air a chleachdadh le tuathanach gus connlach a ghlèidheadh, agus rugadh laogh anns a' gharaid. Thathar a' creidsinn gun deach a' bhò, a bha a' leantainn sreath connlaich, a-steach dhan tùr, gun do shreap i chun a' mhullaich agus nach fhaigheadh i às. Chaidh a' bhò agus an laogh an toirt a-nuas còig latha as dèidh sin, a' fàgail ùine gu leòr aig daoine gus an fhàisneachd fhaicinn air tighinn gu buil.

Chaidh a tharraing dor n-aire o chionn ghoirid gum bi obair càraidh a' tòiseachadh air an tùr ann an 2009.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tùr Fharabraoin

ROS: Urrath

Tùr Fharabraoin; Murchadh Mac Coinnich; Coinneach Mac Coinnich; Coinneach Odhar; Clann Mhic Coinnich Fharabraoin; fàisneachdan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection