Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Rèile Inbhir Garadh agus Cille Chuimein
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_743
ÀITE
Cille Chuimein
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11464
KEYWORDS
rathaidean-iarainn
trèanaichean
Invergarry and Fort Augustus Railway

Dealbh-camara a chaidh a thogail aig stèisean Chille Chuimein de luchd-obrach agus carbadan de Rèile Inbhir Garadh agus Cille Chuimein.

Bha Rèile Inbhir Garadh agus Cille Chuimein a' ceangal Drochaid an Aonachain (air loidhne Taobh an Iar na Gàidhealtachd) agus Cille Chuimein. Chaidh an Achd a bha a' toirt cead an rathad-iarainn a thogail aontachadh ann an 1896 agus dh'fhosgail an loidhne anns an Iuchar 1903. Bha an loidhne air a h-obrachadh le Rèile na Gàidheatachd airson a' chiad còig bliadhna agus bho 1908, gus an do dhùin i ann an 1947, bha i air a h-obrachadh le Rèile a Tuath Bhreatainn.

Bha e san amharc gum b' e seo a' chiad phàirt de cheangal rèile eadar An Gearasdan agus Inbhir Nis ach cha d' fhuair e na b' fhaide na Cille Chuimein air sgàth eas-aonta eadar Rèile an Iar na Gàidhealtachd agus Rèile a Tuath Bhreatainn air aon taobh agus Rèile na Gàidhealtachd air an taobh eile

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Rèile Inbhir Garadh agus Cille Chuimein

INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh

rathaidean-iarainn; trèanaichean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection