- TIOTAL
- Trì einnseanan le Rathad-iarainn na Gàidhealtachd gan toirt à cuithe shneachda
- EXTERNAL ID
- GB1796_1999_116_XI_10
- ÀITE
- neo-aithnichte
- DEIT
- An Gearran 1895
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 11502
- KEYWORDS
- Rathad-iarainn na Gàidhealtachd
trèanaichean smùide
cuitheachan
crainn shneachda
geamhraidhean
sneachda

Trì einnseanan le Rathad-iarainn na Gàidhealtachd gan toirt à cuithe sneachda eadar Allt nam Breac ann an Gallaibh agus Am Fors na h-Àirde ann an Cataibh. Is e Barclay 2-4-0 (Àir. 43) an t-einnsean ri aghaidh na deilbh. Tha am fear air pòla an teileagraf ris a' chùl air 'phonophore' (inneal conaltraidh) a cheangal ris an loidhne. Leig na ceanglaichean seo ann an àitean iomallach le luchd an rathaid-iarainn còmhradh a dhèanamh ri luchd riaghlaidh tro stèiseanan faisg orra.
Ann an geamhraidhean cruaidh, dh'fhaodaiste trì einnseanan a cheangal ri chèile, còmhla ri fear de thrì chroinn sneachda eadar-dhealaichte, airson na loidhnichean a rèiteach. B'fheudar do loidhnichean an dìon o chuitheachan le feansaichean air an togail gu tric le seann trasnain. An dèidh sin, chuireadh sèidearan sneachda an àite nam feansaichean, agus bha iad a' cleachdadh na gaoithe a' rèiteach nan loidhnichean. Chan eil cuitheachan air an loidhne cho tric 's a bha iad o na 1900an, seach gu bheil mòran eòlais ann air a bhith a' dèiligeadh ri aimsir chruaidh agus gu bheil na geamhraidhean nas ciùine
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive