Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàta-aiseig faisg air Ceasag a Deas, 1920an
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_XI_11
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11503
KEYWORDS
aiseagan
bàtaichean-aiseig
bailtean
caol
caoil
caoiltean
manach
manaich
miseanaraidhean
neach-coiseachd
luchd-coiseachd
drochaidean
manachainn
Ferry Boat Approaching South Kessock, 1920s

Seo seann chidhe-aiseig Cheiseag a Deas agus am bàta-aiseig a' tighinn faisg air. Tha baile Cheasaig a Tuath air taobh eile a' chaolais far a bheil Linne Mhoireibh agus Caolas na Manachainn a' tighinn ri chèile. Is e slighe àrsaidh eadar an t-Eilean Dubh agus Inbhir Nis a bh' ann an Aiseag Cheasaig. Chaidh a chleachdadh gu tric le tuathanaich ionadail agus daoine eile a bha ag iarraidh turas fada timcheall air ceann Caolas na Manachainn a sheachnadh.
Thathar a' smaoineachadh gu bheil Ceiseag a Tuath air a bhith ann bho co-dhiù na 1430an nuair a chaidh cead a thoirt don mhanachainn Dhomainigeanach ann an Inbhir Nis airson aiseag obrachadh don Eilean Dubh. Tha an t-ainm Ceasag a' tighinn bhon Naomh Cheasag, miseanaraidh Èireannach.
Ann an 1825, cheannaich Am Morair Uilleam Fettes oighreachd A' Chaisteil Dheirg, san Eilean Dubh air £135,000. Thàinig an lùib seo, còraichean airson aiseag obrachadh aig Ceiseag, a' ceangal Inbhir Nis ris an Eilean Dubh. Taobh a-staigh trì bliadhna, bha e air cidheachan ùra a thogail, agus nuair a thàinig na 1900an bha bàtaichean-smùide air tòiseachadh air an t-slighe.
Bha an aiseag air a ruith gu prìobhaideach gu 1939 nuair a ghabh Comhairle Baile Inbhir Nis agus Comhairle Ros is Chrombaigh thairis na seirbheis. Is e dìreach luchd-coiseachd a bhiodh an aiseag a' giùlan gus deireadh nan 1940an nuair a chaidh aiseag-charabadan a thoirt a-steach. Sguir an aiseag ann an 1982 nuair a dh'fhosgail Drochaid Cheiseig

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàta-aiseig faisg air Ceasag a Deas, 1920an

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1920an

aiseagan; bàtaichean-aiseig; bailtean; caol; caoil; caoiltean; manach; manaich; miseanaraidhean; neach-coiseachd; luchd-coiseachd; drochaidean; manachainn

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection